Uicipeid gdwiki https://gd.wikipedia.org/wiki/Pr%C3%AComh-Dhuilleag MediaWiki 1.45.0-wmf.9 first-letter Meadhan Sònraichte Deasbaireachd Cleachdaiche Deasbaireachd a' chleachdaiche Uicipeid An deasbaireachd aig Uicipeid Faidhle Deasbaireachd an fhaidhle MediaWiki Deasbaireachd MediaWiki Teamplaid Deasbaireachd na teamplaid Cobhair Deasbaireachd na cobharach Roinn-seòrsa Deasbaireachd na roinn-seòrsa TimedText TimedText talk Mòideal Deasbaireachd mòideil Event Event talk Port Chnocaidh 0 15925 579630 578308 2025-07-10T13:37:47Z TheBritinator 30312 579630 wikitext text/x-wiki [[Faidhle:Portknockie.jpg|thumb|Port Chnocaidh]] 'S e baile ann am [[An Comhairle Mhoireach| Moireabh]] a tha ann am '''Port Chnocaidh''' ([[Beurla]]: ''Portknockie''). Tha am baile suidhichte air [[Linne Moireabh]]. 'S e [[Banbh]], [[Bucaidh]], [[Am Fionn Ochdamh]] agus [[Inbhir Cuilinn]] na bailtean a tha faisg air. 'S e seo na [[Co-chomharran an Domhain|co-chomharran]] aige: 57° 42′ 13.61″ Tuath agus 2° 51′ 26.91″ Iar. Ann an 2020 bha 1230 duine a' fuireach an seo.<ref>{{iomradh lìon | url = https://www.nrscotland.gov.uk/statistics-and-data/statistics/statistics-by-theme/population/population-estimates/settlements-and-localities/mid-2020 | tiotal = Mid-2020 Population Estimates for Settlements and Localities in Scotland | foillsichear = Clàran Nàiseanta na h-Alba | ceann-là_inntrigidh = 2024-09-30 }}</ref> Chaidh am baile a stèidheachadh ann an [[1677]]. Bha e ainmeil mar port [[iasgach]] [[sgadan|sgadain]] anns an 19mh linn ach chan eil mòran bhàtaichean iasgaich air fhàgail an seo anns na làithean an diugh. [[Faidhle:Bow Fiddle Rock.jpg|thumb|Bow Fiddle Rock faisg air Port Chnocaidh]] 'S e àite inntinneach a tha ann am ''Bow Fiddle Rock''. 'S e creag a th' ann a tha suidhichte dìreach mu 50 troigh air falbh bhon chòrsa. Tha e a’ coimhead mar bogha [[fidheall]]. 'S e àite eachdraidheil a tha ann an ''Green Castle'', a tha suidhichte air rubha faisg air a’ mhuir. Chaidh a thogail mu 1000 RC agus bha daoine a’ fuireach ann gu 1000 [[AC]]. Tha tobhtaichean a’ chaisteil fhathast rim fhaicinn an-diugh. == Iomraidhean == <references/> == Ceanglaichean a-mach == * {{gbmapping|NJ 489 685}} {{Smachd ùghdarrais}} [[Roinn-seòrsa:Bailtean na h-Alba]] [[Roinn-seòrsa:An Comhairle Mhoireach]] 2de5a4yk0r1ifi8vrphcnsnzyniy6bg