Uicipeid
gdwiki
https://gd.wikipedia.org/wiki/Pr%C3%AComh-Dhuilleag
MediaWiki 1.46.0-wmf.21
first-letter
Meadhan
Sònraichte
Deasbaireachd
Cleachdaiche
Deasbaireachd a' chleachdaiche
Uicipeid
An deasbaireachd aig Uicipeid
Faidhle
Deasbaireachd an fhaidhle
MediaWiki
Deasbaireachd MediaWiki
Teamplaid
Deasbaireachd na teamplaid
Cobhair
Deasbaireachd na cobharach
Roinn-seòrsa
Deasbaireachd na roinn-seòrsa
TimedText
TimedText talk
Mòideal
Deasbaireachd mòideil
Event
Event talk
Turcmanastàn
0
1638
581878
569032
2026-03-28T11:37:29Z
InternetArchiveBot
23657
Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.5
581878
wikitext
text/x-wiki
{{Dùthaich
| Ainm =''Türkmenistan''
| BRATACH =Flag of Turkmenistan.svg
| LÙIREACH =Coat of Arms of Turkmenistan.svg
| LÙIREACH_LEUD = 90
| AINM_BHRATACH =[[Bratach na dùthcha|Bratach]]
| AINM_LÙIREACH =[[Lùireach na dùthcha|Gearradh-arm]]
| MAPA =LocationTurkmenistan.svg
| LAOIDH_NÀISEANTA =[[Independent, Neutral, Turkmenistan State Anthem]]<br/><center>[[File:National anthem of Turkmenistan, performed by the United States Navy Band.oga|100px]]
| SLUAGH_GHAIRM =
| CÀNAN_OIFIGEIL = Turcmanais
| MION_CHÀNAN =[[Ruisis]], Usbagais, Dari
| PRÌOMH_BHAILE =[[Ashgabat]]
| BAILE_AS_MOTHA =[[Ashgabat]]
| SEÒRSA_UACHDRANAIS = Stàit le aon phàrtaidh a-mhàin
| TIOTAL_CEANNARD1 =Ceann-suidhe
| TIOTAL_CEANNARD2 =
| TIOTAL_CEANNARD3 =
| TIOTAL_CEANNARD4 =
| TIOTAL_CEANNARD5 =
| AINM_CEANNARD1 =Gurbanguly Berdimuhammedov
| AINM_CEANNARD2 =
| AINM_CEANNARD3 =
| AINM_CEANNARD4 =
| AINM_CEANNARD5 =
| TACHARTAS1 = Neo-eisimeileachd<br /> bhon [[Aonadh Sobhiat]]
| TACHARTAS2 =Aithnichte
| TACHARTAS3 =
| TACHARTAS4 =
| TACHARTAS5 =
| TACHARTAS6 =
| CEANN_LATHA1 = 27mh, an Dàmhair [[1991]]
| CEANN_LATHA2 = 8mh, an Dùbhlachd [[1991]]
| CEANN_LATHA3 =
| CEANN_LATHA4 =
| CEANN_LATHA5 =
| CEANN_LATHA6 =
| LATHA_NÀISEANTA =
| FARSAINGEACHD =488,100
| REANGACH_F =52mh
| UISGE =4.9
| BLIADHNA =2006
| ÀIREAMH_SHLUAIGH =5,110,023
| REANGACH_S =113mh
| DLÙTHS =9.9
| REANGACH_D =208mh
| BLIADHNA_GDP =2006
| GDP =$45.11 billean
| REANGACH_GDP =86mh
| ÀIREAMH_GDP =$8,900
| REANGACH_PER_CAPITA =95mh
| ROINN_TÌDE = [[TMT]]
| UTC_OFFSET =+5
| AS_T_SAMHRADH =
| UTC_OFFSET_2 =
| RUITH_AIRGID =Manat
| EADAR_LÌON =.tm
| ÀIREAMH_FÒN =993
}}
'S e dùthaich ann an [[Àisia]] a tha ann an
'''Turcmanastàn'''<ref>[http://www.faclair.com/?txtSearch=Turkmenistan Am Faclair Beag]</ref> neo '''Tuircmeanastan'''<ref>[http://www.storlann.co.uk/goireasan/atlas-na-sgoile.html ''Atlas Sgoile Oxford''] le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)</ref><ref>Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714</ref>
Tha i suidhichte ann am [[Meadhan Àisia]]. Tha cuid as motha na dùthcha na [[fàsach]] ris an canar ''Fàsach Karakum''.
Tha crìochan aice san ear-dheas le [[Afganastan]], san ear-thuath le [[Usbagastàn]], san iar-dheas le [[Ioràn]]
sa iar-thuath le [[Casachstàn]]. Tha am [[Muir Caspach]] <ref>Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391</ref> san iar dhith.
== Iomraidhean ==
<references/>
== Ceanglaichean a-mach ==
* [https://web.archive.org/web/20070612214157/https://www.cia.gov/library/publications/the-world-factbook/geos/tx.html CIA Factbook]
* [https://web.archive.org/web/20210819145123/http://www.ashgabat.us/ Duilleag oifigeil le dealbhan à Turcmanastàn]
* [http://news.bbc.co.uk/1/hi/world/asia-pacific/country_profiles/1298497.stm BBC - Fiosrachadh Turcmanastàn]
[[Faidhle:Turkmenistan-map.png|300px|left|thumb|Turcmanastàn]]
{{commons|Turkmenistan|Turcmanastàn}}
[[Roinn-seòrsa:Turcmanastàn]]
[[Roinn-seòrsa:Àisia]]
[[Roinn-seòrsa:Dùthchannan ann an Àisia]]
[[Roinn-seòrsa:Meadhan Àisia]]
8t2tnen2nypu8538sp9ec9ylq317boe
Euskirchen
0
19635
581876
573998
2026-03-27T22:35:51Z
InternetArchiveBot
23657
Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.5
581876
wikitext
text/x-wiki
{{Baile
| AINM = Euskirchen
| BRATACH =
| LÙIREACH = DEU Euskirchen COA.svg
| LÙIREACH_LEUD = 100
| MAPA = Euskirchen alter markt mit rathausturm.jpg
| DÙTHAICH = [[Faidhle:Flag of Germany.svg|22px]] [[A' Ghearmailt]]
| CEÀRN = [[Faidhle:Flag of North Rhine-Westphalia.svg |22px]] [[Nordrhein-Westfalen]]
| SGÌRE = Köln
| LEUD = 50° 39 35' Tuath
| ASTAIR = 06° 47 30' Iar
| FARSAINGEACHD = 139.63
| ÀIREAMH_SHLUAIGH = 55871
| BLIADHNA = 2009
| FÒN = + 49 2251/2255
| DUILLEAG = http://www.euskirchen.de/
}}
‘S e [[baile]] meadhanach air an àirde an iar-thuath [[A' Ghearmailt|na Gearmailte]] a th’ ann an '''Euskirchen'''. Tha an t-ainm a’ ciallachadh Eaglais an Raoin-tuile bho dhà fhacal anns [[Gearmailtis|a’Ghearmailtis]]: Kirche (Eaglais) agus Aue (Raon-tuile). The suidhichte aig 157m os cionn ìre na [[Muir|mara]],<ref>[https://web.archive.org/web/20120112191040/http://population.mongabay.com/population/germany/2928396/euskirchen Mongabay]</ref> anns a’ mhòintich Eifel,<ref>[http://www.nationalpark-eifel.de Pàirc Nàiseanta Eifel]</ref> air iomall [[Köln]], anns an sgìre Köln fhèin, 62km air falbh bho [[Düsseldorf]], 388km bho [[Hamburg]] agus 501km bho [[Berlin|Bherlin]], prìomh-bhaile na [[Dùthaich|dùthcha]].<ref>[http://distancecalculator.globefeed.com/World_Distance_Calculator.asp Distance Calculator]</ref> Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an [[870]] agus fhuair e a chuid chòirichean ann an [[1302]]. Tha 55,871 duine a’ fuireach anns a’ bhaile,<ref>[https://web.archive.org/web/20160531043121/http://www.it.nrw.de/statistik/a/daten/amtlichebevoelkerungszahlen/rp3_dez10.html Cunntas-sluaigh na Stàite]</ref> an 159mh baile nas motha na dùthcha.<ref>[https://web.archive.org/web/20111226090827/http://www.world-gazetteer.com/wg.php?x=&men=gcis&lng=en&des=wg&srt=pnan&col=abcdefghinoq&msz=1500&geo=-61 Bailtean na Cruinne]</ref>
== Daoine Ainmeil ==
*[[Hermann Emil Fischer]]: ([[1852]] – [[1919]]), [[Ceimigear]] a bhuannaich an [[Duais Nobel]] ann an [[1902]].
*Josef Weiss: ([[1893]] – [[1976]]) Ceannard nan [[Iùdhachd|Iùdhach]] anns a’ champa-bàis Bhergen-belsen.
*Adolf Fisé: ([[1910]] – [[2003]]) Sgrìobhadair.
*Konrad Schaefer: ([[1915]] – [[1991]]) Dealbhadair .
*Peter Kahlenborn: ([[1963]]) Ceòladair Jazz.
==Bailtean Co-cheangailte==
*[[Faidhle:Flag of France.svg|22px]] [[Charleville-Mézières]]<ref>[https://web.archive.org/web/20120102043103/http://www.charleville-mezieres.fr/Culture-patrimoine-et-jumelages/Jumelages-et-cooperation-decentralisee Mairie de Charleville-Mézières]</ref>
*[[Faidhle:Flag of England.svg|22px]] [[Basingstoke and Deane]]<ref>[https://web.archive.org/web/20140328011058/http://www.basingstoke.gov.uk/ Basingstoke and Deane Council]</ref>
== Ceanglaichean a-mach ==
* [http://www.nrw.de/ Riaghaltas na Roinne]
* [https://web.archive.org/web/20111230145734/http://www.bezreg-koeln.nrw.de/brk_internet/index.html Riaghaltas na Sgìre]
== Iomraidhean ==
<references/>
[[Roinn-seòrsa:Bailtean]]
[[Roinn-seòrsa:A' Ghearmailt]]
[[Roinn-seòrsa:An Roinn-Eòrpa]]
[[Roinn-seòrsa:Bailtean anns A' Ghearmailt]]
k773xnbveb6s0uupdbi2nvp3bjmc34i
Séamus Ennis
0
33981
581877
571398
2026-03-28T10:25:40Z
InternetArchiveBot
23657
Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.5
581877
wikitext
text/x-wiki
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
B’ e ceòladair, seinneadair agus cruinniche-ciùil Èireannach a bh’ ann an '''Séamus Ennis''' ([[Gaeilge]]: Séamas Mac Aonghusa; [[5 an Cèitean]] [[1919]] – [[5 an Dàmhair]] [[1982]]), a bha cudromach air ath-bheothachadh na pìoba-uilne ann an 20mh Linn, a ghabh pàirt ann an stèidheachadh a’ bhuidhinn saor-thoilich Na Píobairí Uilleann, agus a chruinnich còrr is 2,000 òrain is puirt Èireannach le Coimisiún Béaloideasa Éireann.
Choisinn e cliù is spèis mòr mar am pìobaire-uilne a b' fheàrr a-riamh.
== Teaghlach is Òigridh ==
Bha athair, James Ennis, na sheirbheiseach sìobhalta anns an Aill, [[Contae Átha Cliath]]. Ann an [[1908]] cheannaich e baga ann an [[Lunnainn]] le pìosan seann pìob-uilne le Coyne Pipemakers , is dh’ionnsaich e a cluiche. Ann an [[1912]] bhuannaich e duais le pìob-mhòr Èireannach (warpipes) anns a’ chiad àite, is duais eile anns an dàrna àite le pìob-uilne ann an co-fharpais Oireachtais, agus bha e air duais dannsa a bhuannachadh cuideachd. Ann an 1916 phòs e Mary Josephine McCabe, a bha na fìdhlear à Contae Mhuineacháin. Trì bliadhna an dèidh sin, ann an 1919, rugadh Séamus ann an [[Fionnghlas]], Contae Átha Cliath, am measg còig bràithrean is peathraichean eile (Angela, Barbara, Cormac, Ursula agus Desmond). Bhiodh athair, James, a’ cluiche le Fingal Trio, còmhla ri Frank O'Higgins air an fhìdheall agus John Cawley air an duiseil, is sheinneadh iad gu tric air an rèidio. Nuair a bha Séamus trì bliadhna deug, thòisich athair a theagasg cluiche na pìoba-uilne.
Chaidh Séamus gu Gaelscoil Cholmcille, agus gu Coláiste Mhuire, far an do dh’ionnsaich e Gàidhlig na h-[[Èirinn|Èireann]], a bhiodh cho feumail dha bliadhnaichean an dèidh làimh. Rinn e deuchainn airson a bhith na chlàrc, ach cha d’ fhuair e an obair, is e gun chosnadh nuair a bha e fichead.
== Three Candles Press ==
B’ e caraid teaghlach Ennis a bh’ ann an Colm Ó Lochlainn, a bha na neach-deasachaidh air Irish Street Ballads, is dh’fhastaidh e Séamus aig The Three Candles Press, nuair a thuirt e ris gun robh e gu falbh a [[Sasainn|Shasainn]] airson aonachadh ri Arm [[Breatainn Mhòr|Bhreatainn]]. Dh’ionnsaich Séamus mòran mu cheàrd clò-bhualaidh an sin, m.e. sgrìobhadh ciùil air sgòran, is rachadh e gu còisir Ghaeilge, An Claisceadal, a bha aig Colm fhèin. Ann an [[1942]], nuair a bha crìonadh-eaconomach ann air sgàth [[An Dàrna Cogadh|a' chogaidh]], thòisich Séamus obair ùr leis an Ollamh Séamus Ó Duilearge aig Coimisiún Béaloideasa Éireann, far am biodh e a’ cruinneachadh òran dìreach le peann, pàipear agus rothair. ‘S ann an sin nuair a chaidh e a Chonamara.
== A’ Cruinneachadh Òran ==
Bho [[1942]] gu [[1947]] chruinnich e òrain ann an Iar Mhumhain, [[Gaillimh]], Cabhán, Maigh Eo, [[Dun nan Gall]], Ciarraí, sna h-Eileanan Árainn agus sna h-[[Eileanan nan Gall|Eileanan Siar]] na h-[[Alba]]. A chionn ‘s gun robh [[Gàidhlig]] na h-Alba gu leòr aige, b’ urrainn dha a' mhòr-chuid de na h-òrain a chruinnich [[Iain Latharna Caimbeul]] a thar-sgrìobhadh. Bha Elizabeth Cronin cho measail air, 's gun do sgrìobh i sìos na h-òrain a bh’ aice mus deach e a chèilidh oirre, is bha deagh chòmhradh aca. A-rèir coltais bhiodh e gu math càirdeil ris na ceòladairean is seinneadairean ris an tachradh e. San Lùnastal 1947 thòisich e dreuchd mar neach-craolaidh airson Radio Éireann, is bha guth domhain làidir aige, a bha gu math freagarrach air an rèidio. Bha e na phreasantair, is chlàr e a’ chiad turas luchd-ciùil mar Willie Clancy, Sean Reid and Micho Russell. Ann an 1951, chaidh Alan Lomax agus Jean Ritchie à [[Ameireagaidh]] gus òrain is puirt a chlàradh, is bhiodh Séamus fhèin air a chlàradh an uair sin
Ghluais e a Lunnainn ann an [[1951]] airson obrachadh le Brian George air BBC, is rinn e prògram ris an canar “As I Roved Out” gu [[1958]], far am biodh e a’ siubhail air feadh Bhreatainn agus na h-Èireann gus ceòl traidiseanta a chlàradh. Phòs e Margaret Glynn ann an [[1952]], is bha dithis cloinne aca, Catherine agus Christopher.
== Ceòladair Proifeiseanta ==
An dèidh a chùmhnant le BBC a chrìochnachadh thòisich e obair neo-cheangailte ann an Sasainn, ach dhealaich e bho a bhean agus thill e a dh’Èireann airson obrachadh le Teilifis Éireann, sianail a bha ùr aig an àm. Bha caitheamh air airson greis, ach dh’fhàs e slàn is b’ urrainn dha cluich aig “Newport Folk Festival” ann an [[1964]]. Fhuair e a’ phìob a cheannaich athair ann an [[1908]], is bhiodh e ga cleachdadh gu moiteil, airson puirt de sheòrsa sam bith a chluich. Bha e gu math comasach.
Chaidh Na Píobairí Uilleann a stèidheachadh ann an [[1964]] ann am Baile an Bhiataigh, is gun teagamh bha Séamus ann. Chomharraich iad cèilidh far an do chluich ceòladairean cliùiteach aig an àm, mar [[Breandán Breathnach]] is [[Liam Óg Ó Floinn]]. A-rèir na thuirt Séamus air agallamh, dh’iarr cuideigin port bhuaithe, is chosg e còrr is fichead mionaid airson a’ phìob a ghleusadh, pìob a bha an sin 130 bliadhna, ach cho fad sa bha e deiseil, chluich e fad uair, is chuir e iongnadh mòr air a h-uile duine a bha ann.
Ged a bha e an sàs ann an pìobaireachd fad a bheatha, cha do stèidhich e sgoil a-riamh. Bhiodh e a’ fuireach còmhla ri i Liam Óg Ó Floinn gu toiseach nan 70an, ach cheannach e pìos talamh anns an Aill, far an do dh’fhuirich e ann an taigh-gluasaid gu 1982, nuair a chaochail e. Chluich e an turas mu dheireadh aig sgoil samhraidh a bha aig [[Willie Clancy]] ann an 1982, is an dèidh e bàsachadh, fhuair Liam Óg Ó Floinn a phìob-uilne.
Airson a chuimhneachadh, chaidh sràid ann an Fionnghlas agus ionad cultarail anns an Aill air an ainmeachadh mar Séamus Ennis.
== Clàran ==
* ''The Bonny Bunch of Roses'' (1959)
* ''The Ace and Deuce of Piping'' (1961)
* ''Forty Years of Irish Piping'' (1974)
* ''The Pure Drop'' (1974)
* ''The Fox Chase'' (1974)
* ''[[The Best of Irish Piping]]'' (1974)
* ''Irish Pipe and Tin Whistle Songs'' (1976)
* ''Feidlim Toon Ri's Castle'' (1977)
* ''The Wandering Minstrel'' (1977)
* ''The Return from Fingal'' (1997)
* ''Two Centuries of Celtic Music'' (2001)
* ''Séamus Ennis – Ceol, Scéalta agus Amhráin'' (2006)
===Cruinneachaidhean (le ceòladairean eile)===
* ''Irish Pipe and Tin Whistle Songs (1994)
* ''[[Green Linnet]] 20th Anniversary Collection'' (1996)
* ''[[Alan Lomax]] Sampler'' (1997)
* ''Traditional Dance Music of Ireland'' (1997)
== Ceanglaichean a-mach ==
* [https://web.archive.org/web/20160304191422/http://www.mustrad.org.uk/articles/ennis.htm Moladh] le [[Breandán Breathnach]]
* [https://www.youtube.com/watch?v=lLe9etQ0iwQ Séamus Ennis a' cluich "The Morning Thrush" (rìl a rinn athair)] ''(Youtube)''
* [https://www.youtube.com/watch?v=aF3fW4Nox9U Séamus Ennis, Maighstir na pìoba-uilne] ''(YouTube)''
* Going to the Well for Water: The Seamus Ennis Field Diary 1942-1946 [https://web.archive.org/web/20150923210515/http://www.corkuniversitypress.com/Seamus-Ennis-Field-Diary-1942-1946-p/9781859184776.htm Co-chruinneachadh a leabhraichean-latha]
{{DEFAULTSORT:Ennis, Seamus}}
{{Smachd ùghdarrais}}
[[Roinn-seòrsa:Luchd-ciùil Èireannach]]
[[Roinn-seòrsa:Ceòladairean le Gàidhlig]]
[[Roinn-seòrsa:Luchd-ciùil]]
[[Roinn-seòrsa:Daoine à Èirinn]]
oprtoi199gx1wkwv9vs7iut1jnm2yhy