Uicipeid
gdwiki
https://gd.wikipedia.org/wiki/Pr%C3%AComh-Dhuilleag
MediaWiki 1.46.0-wmf.21
first-letter
Meadhan
Sònraichte
Deasbaireachd
Cleachdaiche
Deasbaireachd a' chleachdaiche
Uicipeid
An deasbaireachd aig Uicipeid
Faidhle
Deasbaireachd an fhaidhle
MediaWiki
Deasbaireachd MediaWiki
Teamplaid
Deasbaireachd na teamplaid
Cobhair
Deasbaireachd na cobharach
Roinn-seòrsa
Deasbaireachd na roinn-seòrsa
TimedText
TimedText talk
Mòideal
Deasbaireachd mòideil
Event
Event talk
Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba
0
5076
581890
573481
2026-03-31T10:52:50Z
InternetArchiveBot
23657
Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.5
581890
wikitext
text/x-wiki
{{Databox}}
'S e [[partaidh poileatagach|partaidh-poileatagach]] [[Deamocrasaidh Sòisealta|sòisealta-deamocratach]] ann an [[Alba]] a tha a’ strì airson [[Neo-eisimeileachd na h-Alba|neo-eisimeileachd]] na dùthcha a th' ann am '''Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba''' (Beurla: ''Scottish National Party, Beurla Ghallda: Scots National Pairty'').<ref>{{iomradh lìon | sloinneadh = The European Language Initiative | tiotal = Faclair na Pàrlamaid | ceann-là = 2001 | foillsichear = [[Pàrlamaid na h-Alba]] | url = http://www.gov.scot/resource/doc/129226/0055783.pdf | fòrmat = pdf | ceann-là_inntrigidh = 2017-01-18 }}</ref> Chaidh am pàrtaidh sin a stèidheachadh ann an [[Dùn Èideann]] ann an [[1934]] tro aonadh "The Scottish Party" agus "The National Party of Scotland". Bha [[Robert Bontine Cunninghame Graham]] na chiad cheann-suidhe a' phàrtaidh. Bhuannaich iad a' chiad cathair ann an Westminster nuair a thaghadh Robert McIntyre ann am frith-thaghadh [[Tobar na Màthar agus Wishaw (sgìre Phàrlamaid Westminster)|Tobar na Màthar]] ann an 1945.<ref>{{iomradh lìon | url = https://www.theyworkforyou.com/mp/21484/robert_mcintyre/motherwell | tiotal = Mr Robert McIntyre, former MP, Motherwell | foillsichear = They Work for You | ceann-là_inntrigidh = 2017-01-18}}</ref> Bhuannaich [[Winnie Ewing]] an dàrna seat ann an [[Hamilton (sgìre Phàrlamaid Westminster)|Hamilton]] ann an 1967.<ref>{{iomradh lìon | url = http://www.snp.org/our_party | tiotal = Our Party | foillsichear = Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba | ceann-là_inntrigidh = 2017-01-18 }}</ref>
== Riaghaltas ==
Fhuair na Nàiseantaich 47 seataichean dhe 129 ann am [[Pàrlamaid na h-Alba]] air fad anns na taghaidhean ann an [[Taghadh Albannach 2007|2007]], ach cha d’ fhuair iad taic bho na pàrtaidhean eile airson riaghaltas co-bhonn a stèidheachadh, leis gu bheil na [[Pàrtaidh Làbarach na h-Alba|Làbaraich]], na [[Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba|Libearalaich]] agus na [[Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba|Tòraidhean]] gu math an aghaidh neo-eisimeileachd na h-Alba. Le sin, bha iad a’ riaghladh na dùthcha ann an Riaghaltas beag-chuid eadar 2007 agus 2011. Le 68 seataichean dhe 129 anns na taghaidhean ann an [[Taghadh Albannach 2011|2011]] chùm am Pàrtaidh riaghaltas mòr-chuid.<ref>{{iomradh naidheachd | url = https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/25830737 | tiotal = Sùil air: Ailig Salmond | ceann-là = 2014-01-24 | ceann-là_inntrigidh = 2023-03-28 | foillsichear = Naidheachdan a' BhBC }}</ref> Bha Ailig Salmond na phrìomh-mhinistear gus 2014.<ref>{{iomradh naidheachd | url = https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/29311091 | tiotal = Salmond a' falbh an dèidh bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd | foillsichear = Naidheachdan a' BhBC | ceann-là = 2014-09-22 | ceann-là_inntrigidh = 2023-03-28 }}</ref>
== Roinn-Eòrpa ==
Ro Bhrexit, bha am pàrtaidh na bhall de na h-Uainich/Caidreachas Saor anns a' Phàrlamaid Eòrpach is [[Alyn Smith]] na cheannard.<ref>{{iomradh naidheachd | url = https://www.greens-efa.eu/en/article/press/snp-mep-elected-president-of-efa-group-in-the-european-parliament | tiotal = SNP MEP elected President of EFA Group in the European Parliament | foillsichear = Na h-Uainich/Caidreachas Saor | ceann-là = 2019-06-11 | ceann-là_inntrigidh = 2023-03-28 }}</ref>
==Daoine ainmeil==
* [[Jimmy Reid]]
* [[Ailig Salmond]]
* [[Nicola Sturgeon]]
* [[Humza Yousaf]]
* [[Sean Connery]] (neach-taic agus ball)
== Ionannachd ris a’ Phàrtaidh Québécois ==
Tha caochladh riochdaire a’ Phàrtaidh Québécois air ràdh gu bheil am pàrtaidh aca uabhasach coltach ri Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba.<ref>[https://web.archive.org/web/20081223083946/http://www.vigile.net/Ecosse-un-chemin-vers-nulle-part Virgile]</ref> A bharrachd air sin, thathar a’ cur an cèill anns an cuid òraid phoileataigeach nach eil [[Catalòinia]], Alba agus [[Quebec|Québec]] ([[IPA]]: kebɛk) cho eadar-dhealaichte. Gu dearbha, chan eil iad air an cuid amasan a choileanadh fhathast ged a bheil iad air a bhith a’ lorg neo-eisimeileachd na dùthchannan aca, 's dòcha air sàilleabh gu bheil frionas ann eadar an taobh deamocratach sòisealta agus an taobh nàiseantach na trì dùthchannan sin. ‘S urrainn dhan Phàrtaidh Québecois agus na Nàiseantaich ann an Alba taghaidhean a bhuannachadh ach, gu ruige seo, chan fhaodadh iad neo-eisimeileachd fhaighinn. Mìnichidh am film ''Le confort et l'indifférence'' ([[Gàidhlig]]: Comh-fhurtachd agus Suarachas) dhuinn mu dheidhinn an t-suidheachaidh sin leis gu bheil sinn a’ fuireach ann an stàit shochairean agus ann an co-chomann na luchd-chleachdaidh.<ref>[http://www.imdb.com/title/tt0123730/ IMDB]</ref> ‘S e measgachadh dhe mòran dhaoine eadar-dhealaichte ann an co-bhann a bh' ann Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba nuair a thòisich e ann an [[1934]], is iad nan luchd-dealachaidh Albannach ann an dà chuid daoine na làimhe deise is daoine na làimhe chlì. Dh’ fhàsadh am pàrtaidh beag air bheag is iad a’ gabhail smuaintean bho na Làbaraich is bho na Tòraidhean. ‘S e an aon rud a thachair eadar Pàrtaidh Libearalach na Québec agus Aonadh Nàiseanta na Québec.
==Iomraidhean==
<references/>
==Ceanglaichean a-muigh==
* [https://www.snp.org Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba]
* [https://web.archive.org/web/20210415202006/https://www.snp.org/policies/pb-gaelic-language-in-scotland/ Poileasaidhean (2021) a thaobh na Gàidhlig] ''(anns a’ Ghàidhlig)''
{{Ceannardan Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba}}
{{Pàrtaidhean Poiliteagach ann an Alba}}
{{Smachd ùghdarrais}}
[[Roinn-seòrsa:Poileataigs na h-Alba]]
[[Roinn-seòrsa:Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba|*]]
rcfz6ig41cc1clogubqcyberkq4x3if
Ashgabat
0
11192
581884
546804
2026-03-30T16:36:15Z
InternetArchiveBot
23657
Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.5
581884
wikitext
text/x-wiki
{{Baile
| AINM = Ashgabad<br />''Aşgabad''
| BRATACH =
| LÙIREACH =
| LÙIREACH_LEUD = 60
| MAPA = Turkmenistan-map.png
| DÙTHAICH =[[Turcmanastàn]]
| CEÀRN = Ahal Province
| SGÌRE =
| LEUD = 37° 58' Tuath
| ASTAIR = 58° 20' Ear
| FARSAINGEACHD =
| ÀIREAMH_SHLUAIGH = 695300
| BLIADHNA = 2001
| FÒN =
| DUILLEAG =
}}
'S e prìomh-bhaile [[Turcmanastàn|Thurcmanastàn]] a tha ann an '''Ashgabat'''<ref>[http://www.storlann.co.uk/goireasan/atlas-na-sgoile.html ''Atlas Sgoile Oxford''] le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)</ref> (Cànan Turcmanastàn: ''Aşgabat''). Anns a’ bhliadhna 2001 bha 695,300 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin. Tha am baile suidhichte eadar am [[fàsach]] ''Kara Kum'' agus an ruith-bheanntan ''Kopet Dag''.
'S e seo an [[Co-chomharran an Domhain|co-chomharran]] aige: 37° 58’ Tuath agus 58° 20’ Ear.
Chaidh am baile a stèidheachadh anns a’ bhliadhna [[1818]].
Tha an [[rathad-iarainn]] ''Trans-Caspian railway'' a’ stad an seo. 'S e ''Ashgabat Airport'' am port-adhair aige.
== Bailtean Co-cheangailte ==
* [[Faidhle:Flag of the United States.svg|22px]] Albuquerque, ([[Meagsago Nuadh]])<ref>[http://www.sister-cities.org/directory/USlistingsResults.cfm SisterCities]</ref>
* [[Faidhle:Flag of Greece.svg|22px]] [[An Àithne]]
* [[Faidhle:Flag of Turkey.svg|22px]] [[Ankara]]
== Ceangal a-mach ==
* [https://web.archive.org/web/20120722143030/http://www.ashgabat.us/gallery Dealbhan Ashgabat]
== Iomraidhean ==
<references/>
{{commons|Ashgabat}}
[[Roinn-seòrsa:Prìomh-bhailtean]]
[[Roinn-seòrsa:Prìomh-bhailtean ann an Àisia]]
[[Roinn-seòrsa:Meadhan Àisia]]
[[Roinn-seòrsa:Bailtean]]
m3e9ht3vghlsfbzdey5ybyi6tm3mv9n
Eau Claire, Wisconsin
0
18369
581889
576614
2026-03-31T05:18:13Z
CommonsDelinker
222
Replacing SargeBoydBandshellInOwenPark.JPG with [[File:SargeBoydBandshellInOwenPark,_Eau_Claire.jpg]] (by [[:c:User:CommonsDelinker|CommonsDelinker]] because: [[:c:COM:FR|File renamed]]: [[:c:COM:FR#FR2|Criterion 2]]).
581889
wikitext
text/x-wiki
{{Baile
| AINM = Eau Claire
| LÙIREACH = WIMap-doton-Eau Claire.png
| LÙIREACH_LEUD = 120
| MAPA = Eau Claire - Water Street looking west 2005.jpg
| DÙTHAICH = [[Faidhle:Flag of the United States.svg |22px]] [[Na Stàitean Aonaichte]]
| CEÀRN = [[Eau Claire County, Wisconsin|Eau Claire]], [[Chippewa County, Wisconsin|Chippewa]]
| SGÌRE = [[Faidhle:Flag of Wisconsin.svg|22px]] [[Wisconsin]]
| LEUD = 44° 49′ Tuath
| ASTAIR = 91° 30′ Ear
| FARSAINGEACHD =
| ÀIREAMH_SHLUAIGH = 65883
| BLIADHNA = 2010
| FÒN = 715/534
| DUILLEAG = http://www.eauclairewi.gov/
}}
'S e prìomh-bhaile [[Wisconsin]] a tha ann am '''Eau Claire'''. Anns a’ bhliadhna 2000 bha 61,704 duine a’ fuireach an seo.<ref>[http://www.worldatlas.com/webimage/countrys/namerica/usstates/wieauclaire.htm]</ref>
== Eachdraidh eile ==
Chaidh am baile a stèidheachadh ann an [[1872]].
==Bailtean Co-cheangailte==
*[[Faidhle:Flag of Australia (converted).svg |22px]] [[Lismore]], [[New South Wales]], [[Astràilia]]
*[[Faidhle:Flag of Costa Rica (state).svg |22px]] [[Miramar]], [[Costa Rica]]
[[image: SargeBoydBandshellInOwenPark, Eau Claire.jpg|left|300px|thumb|Sarge Boyd Bandshell - Owen Park]]
==Iomraidhean==
<references/>
== Ceanglaichean A-mach ==
*[https://web.archive.org/web/20210204174137/https://www.eauclairewi.gov/ www.eauclairewi.gov]
[[Roinn-seòrsa:Bailtean ann an Wisconsin]]
97g3fxmehsz5j3fygnhsj5t1okc2al6
Cleachdaiche:Zemant
2
19384
581887
568072
2026-03-30T23:38:32Z
TheBritinator
30312
([[c:GR|GR]]) [[File:Scottish Independence Rally, George Square, Glasgow, 2019 1.jpg]] → [[File:Scotland Independence March, 28 March 2026 (23).jpg]] Higher quality image
581887
wikitext
text/x-wiki
Если хочешь узнать обо мне больше, напиши Zemant в поисковике.
Welcome to Gardariki & Holmgard. Learn Russian & fulfill the Dream.
[[File:Scotland Independence March, 28 March 2026 (23).jpg|thumb]]
Tha mi air '''[[Twitter]]''' mar @<span class="plainlinks">[http://twitter.com/zemant zemant]</span>.
{{User ru}}
{{User gd-1}}
{{User en-3}}
[[ru:User:Zemant]]
[[en:User:Zemant]]
[[de:User:Zemant]]
[[fr:User:Zemant]]
[[es:User:Zemant]]
[[it:User:Zemant]]
[[be:User:Zemant]]
[[kk:User:Zemant]]
[[rue:User:Zemant]]
[[tt:User:Zemant]]
[[ky:User:Zemant]]
[[uk:User:Zemant]]
[[mn:User:Zemant]]
[[hy:User:Zemant]]
[[pl:User:Zemant]]
[[ja:User:Zemant]]
[[zh:User:Zemant]]
[[nl:User:Zemant]]
[[pt:User:Zemant]]
[[he:User:Zemant]]
[[eo:User:Zemant]]
esq90vq2j85ftt0s76gd8ab45mqwbnr
Cathair (Siorrachd Dhùn Phris)
0
22298
581885
578947
2026-03-30T19:55:39Z
InternetArchiveBot
23657
Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.5
581885
wikitext
text/x-wiki
{{Baile ann an Alba
| AINM = Cathair
| LÙIREACH =
| LÙIREACH_LEUD = 60
| DEALBH =Courthill Smithy, Keir Mill.jpg
| MAPA = Mapa dg cathair.jpg
| CEÀRN = [[Comhairle Dhùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh|Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh]]
| LEUD = 55° 13′ 08″ Tuath
| ASTAIR = 03° 47′ 42″ Iar
| FARSAINGEACHD =12.3
| ÀIREAMH_SHLUAIGH = 320
| BLIADHNA = [[2001]]
| FÒN = 01848
| DUILLEAG =
}}
‘S e [[baile]] beag dùthchasail agus parraist faisg air [[Bàrr na Dris]], air an àirde an iar-dheas [[Alba|na h-Alba]] a th' ann '''Cathair'''<ref>{{iomradh lìon | url = http://faclair.info/ViewEntry.aspx?ID=4CD01A9395A912DA4A7CA6942AF0F07F | tiotal = Dictionary Detail - Cathair | foillsichear = Am Faclair Beag | ceann-là_inntrigidh = 2017-05-04}}</ref> neo '''Muileann na Cathrach'''. Tha am parraist 12.3 km² a dh'fharsaingeachd,<ref>[http://www.scottish-places.info/parishes/parfirst1009.html Scottish Places]</ref> aig 40m os cionn ìre na mara,<ref>[https://web.archive.org/web/20160304192243/http://elevationmap.net/keir-mill-height--uk#menu2 Elevation Map]</ref> ann an ceann a tuath [[Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh|Dhùin Phris is Gall-Ghàidhealaibh]] ([[Siorrachd Dhùn Phris]] ro [[1975]]),ri taobh na [[Abhainn|na h-aibhnichean]] Scaur<ref>[http://www.visionofbritain.org.uk/place/16599# Visions]</ref> agus Nid, eadar [[Am Mòine Naomh]] agus [[Cill Osbairn]]. Tha e 240km air falbh bho [[Obar Dheathain]], 77km bho [[Glaschu|Ghlaschu]], 20km bhon [[Dùn Phris|Dùn Phris]] agus 91km bho [[Dùn Èideann|Dhùn Èideann]], prìomh-bhaile na dùthcha.<ref>[http://www.distancefromto.net/ Distances From - To]</ref> Tha mu 320<ref>[https://web.archive.org/web/20200812205205/https://info.dumgal.gov.uk/CommunityCouncils/Home/Detail/29 A' Chomhairle]</ref> duine a' fuireach an seo agus 's e [[Beurla]] a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine anns a' Chathair, ged an robh [[Gàidhlig]] fhathast beò ro [[1700]].<ref>Lorimer, W. L., "The Persistence of Gaelic in Galloway and Carrick", ann an Scottish Gaelic Studies, VI.2 ([[1949]]), duilleag 117</ref> Tha [[eaconomaidh]] a' bhaile gu math crochte air [[àiteachas]], coilltearachd agus [[Turasachd]]. A bharrachd air sin, tha muileann sàbhaidh<ref>[http://www.carronbridgesawmill.co.uk/ Carronbridge Sawmill]</ref> anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann, is e sin feumar a dhol dhan bhun sgoil ann am [[Penpont]]<ref>[https://web.archive.org/web/20160312074115/http://www.dumgal.gov.uk/index.aspx?articleid=4304 A' Chomhairle]</ref> agus dhan àrd sgoil ann am Bàrr na Dris.
==Eachdraidh==
Chaidh tùr dìonadach a thogail an seo aig deireadh na [[16mh Linn|16mh Linne]], air a bheil Tùr Bàrr Dearg.<ref>[http://canmore.rcahms.gov.uk/en/site/65297/details/barjarg+house/ Canmore]</ref> Thoisich gnothach a' mhuilinn an seo ann an [[1771]], leis nach bu ghann [[uisge]] agus [[fiodh]] sa sgìre.<ref>[http://canmore.rcahms.gov.uk/en/site/65275/details/keir+mill/ Canmore]{{Dead link|date=April 2024 |bot=InternetArchiveBot |fix-attempted=yes }}</ref> Thogadh [[eaglais]] anns a' Chathair ann an [[1814]] agus leasachadh ann an [[1880]] i.<ref>[https://web.archive.org/web/20160201082715/http://www.buildingsatrisk.org.uk/details/897838 Buildings at Risk]</ref> Dhùnadh an eaglais ann an [[1998]]. Tha Cathair am broinn pharaiste Phenpont. Chaidh tuagh ro-eachdraidheil a lorg an seo ann an [[1888]],<ref>[http://canmore.rcahms.gov.uk/en/site/65244/details/keir+mill/ Canmore]</ref> a tha a-nis ri fhaicinn san [[taigh-tasgaidh]] ann an Dùn Phris. A-rèir carragh-chuimhne san sgìre, fhuair triùir às a' pharraist bàs [[An Dàrna Cogadh|san Dàrna Cogadh]].<ref>[http://www.warmemscot.s4.bizhat.com/warmemscot-ftopic751.html&highlight=keir Scottish War Memorials Project]{{Dead link|date=March 2025 |bot=InternetArchiveBot |fix-attempted=yes }}</ref>
==Daoine Ainmeil==
* [[Kirkpatrick MacMillan]] ([[1812]] - [[1878]]):<ref>[https://web.archive.org/web/20131126213142/http://www.nothingtoseehere.net/2009/05/keir_mill_dumfries_galloway.html Nothing to see here]</ref> [[Gobha]] agus fear a fhuair deagh sgoil, a chruthaich a' chiad [[Rothair|bhaighseagal]], air an robh ''velocipede'', ann an [[1839]].
== Iomraidhean ==
<references/>
{{Bailtean ann an Siorrachd Dhùn Phris}}
[[Roinn-seòrsa:Alba]]
[[Roinn-seòrsa:Bailtean]]
[[Roinn-seòrsa:Bailtean na h-Alba]]
[[Roinn-seòrsa:Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh]]
[[Roinn-seòrsa:Siorrachd Dhùn Phris]]
hd93735k40fy0sq4ed9juxyublpykpz
Gleann Afraig
0
33306
581888
579846
2026-03-31T01:10:10Z
InternetArchiveBot
23657
Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.5
581888
wikitext
text/x-wiki
[[File:Gleann Afraig.jpg|thumb|Gleann Afraig an iar, [[Mullach Fraoch-choire]], [[A' Chiste Dhubh]] agus [[Beinn Fhada]]]]
[[File:Gleann Afraig is Beinn Fhada.jpg|thumb|Gleann Afraig an iar agus Beinn Fhada]]
'S e Gleann air [[Gàidhealtachd na h-Alba]] a th' ann an '''Gleann Afraig'''. Tha e mu 31km de dh'fhaid agus tha e na shìneadh bhon ear dhan iar eadar [[Canaich]] agus Cam Bàn ann an [[Cinn Tàile]]. Tha [[Loch Afraig]] anns a' ghleann agus tha Abhainn Afraig a' sruthadh ann.
'S e gleann ainmeil a th' ann airson a cuid bòidhchid, agus thèid mòran daoine a choiseachd ann. Dh'fhaodadh coiseachd tron ghleann air fad air Slighe Gleann Afraig - Cinn Tàile air neo tha cothroman ann [[Beinn Rothaich|Beanntan Rothaich]] a shreap, mar eisimpleir [[Toll Creagach]], [[Tom a' Chòinnich]], [[Càrn Eige]], [[Màm Sodhail]], [[An Socach (Gleann Afraig)|An Socach]] agus [[Sgùrr nan Ceathramhnan]].
Tha ostail òigridh iomallach anns a' ghleann agus chan fhaighear thuige ach air cois no air an rothair. Tha bothan aig Cam Bàn.
==Sealbh==
'S ann le Oighreachd Gleann Afraig<ref>[http://www.glenaffricestate.com/ Oighreachd Gleann Afraig]</ref> a tha taobh an ear a' ghlinne, agus 's e [[Tèarmann Nàdair]] a th' ann. Tha cùram aig [[Coimisean na Coilltearachd]] air a' phàirt seo<ref>[https://web.archive.org/web/20150329175800/http://www.nnr-scotland.org.uk/glen-affric/ Tèarmainn Nàdair na h-Alba: Gleann Afraig]</ref>. 'S ann le [[Urras Nàiseanta na h-Alba]]<ref>[http://www.nts.org.uk/Property/West-Affric/ Urras Nàiseanta na h-Alba: Afraig an Iar]</ref> a tha taobh an iar a' ghlinne, agus tha am pàirt seo cuideachd na Sgìre Nàiseanta de Bhòidhchead Shònraichte. Gu traidiseanta 's e talamh Clann Shiosalach a th' ann, agus bhrosnaich sin am fìdhlear ainmeil [[Duncan Chisholm]] gus clàr fhoillseachadh leis an ainm ''Affric''<ref>[http://www.duncanchisholm.com/store/products/affric/ Affric le Duncan Chisholm]</ref> air a bheil e a' toirt iomradh air feartan a' ghlinne na cheòl.
==Iomraidhean==
<references/>
==Ceanglaichean a-mach==
*[http://www.glenaffricestate.com/ Duilleag Oifigeil Oighreachd Gleann Afraig]
*[https://www.nts.org.uk/visit/places/west-affric Afraig an Iar aig Urras Nàiseanta na h-Alba]
*[https://web.archive.org/web/20150220155035/http://www.glenaffric.org/ Làrach oifigeil Gleann Afraig agus Srath Glas]
*[https://web.archive.org/web/20160430105632/http://scotland.forestry.gov.uk/visit/glen-affric Coimisean na Coilltearachd]
*[http://www.walkhighlands.co.uk/lochness/glenaffric.shtml Cuairtean coiseachd ann an Gleann Afraig]
*[https://www.syha.org.uk/where-to-stay/highlands/glen-affric.aspx Ostail Òigridh Gleann Afraig]
*[https://web.archive.org/web/20150221074102/http://www.glenaffric.org/duncan_chisholm.html Duncan Chisholm agus Gleann Afraig]
{{Àird}}
{{DEFAULTSORT:Afraig, Gleann}}
{{Smachd ùghdarrais}}
[[Roinn-seòrsa:Gleanntan]]
[[Roinn-seòrsa:Comhairle na Gàidhealtachd]]
ks8oprxcoa74zkb8i7f01k2pe65livm
Faclair na Gàidhlig
0
38508
581886
575905
2026-03-30T21:24:38Z
Caoimhin
154
/* Iomraidhean */
581886
wikitext
text/x-wiki
'S e pròiseact faclaireach a th' ann am '''Faclair na Gàidhlig''' a tha a’ cruthachadh faclair eachdraidheil na Gàidhlig.
'S e iomairt eadar-oilthighean a th' ann am Faclair na Gàidhlig, anns a bheil [[Oilthigh Obar Dheathain]], [[Oilthigh Dhùn Èideann]], [[Oilthigh Ghlaschu]], [[Oilthigh Srath Chluaidh|Oilthigh Shrath Chluaidh]] agus [[Sabhal Mòr Ostaig]] OGE an sàs.<ref>{{Iomradh lìon|ainm=|sloinneadh=|ùghdar_eile=|ùghdaran_eile=|ceann-là=|tiotal=Faclair na Gàidhlig|url=http://www.faclair.ac.uk/|ceann-là_inntrigidh=2019-06-07|foillsichear=|duilleagan=|cànan=Gàidhlig is Beurla|url_tasgaidh=https://web.archive.org/web/20190515000000*/http://www.faclair.ac.uk/|ceangal_ùghdair=|ceann-là_tasgaidh=2019-05-07}}</ref>
== Amas a' phròiseict ==
'S e amas an iomairt faclair eachdraidheil Gàidhlig a chruthachadh a bhios ann an cruth coltach ri na faclairean tomadach eachdraidheil a gheibhear ann an Albais agus ann am Beurla, mar an ''Dictionary of the Older Scottish Tongue'', an ''Scottish National Dictionary'' agus an ''Oxford English Dictionary''.<ref name=":0">{{Iomradh lìon|ainm=|sloinneadh=|ùghdar_eile=|ùghdaran_eile=|ceann-là=|tiotal=Am Pròiseact|url=http://www.faclair.ac.uk/gaidhlig/index.html|ceann-là_inntrigidh=2019-06-07|foillsichear=Faclair na Gàidhlig|duilleagan=|cànan=Gàidhlig|url_tasgaidh=https://web.archive.org/web/20170714095123/http://www.faclair.ac.uk/gaidhlig/index.html|ceann-là_tasgaidh=2017-07-14}}</ref>
Thèid Faclair na Gàidhlig fhoillseachadh air an eadar-lìon an toiseach.<ref name=":0" />
Bidh am faclair ag obair le na teagsaichean Gàidhlig as tràithe a th' ann gus an latha an-diugh.<ref name=":0" />
Thathas an dùil gum bi am faclair a' gabhail suim air na ceanglaichean a th' eadar Gàidhlig agus Albais gu h-eachdraidheil.<ref name=":0" />
== Cruth an Fhaclair ==
Thèid na faclan a mhìneachadh anns a' Bheurla gus cothrom a thoirt do luchd na Beurla eachdraidh na Gàidhlig a sgrùdadh.<ref name=":1">{{Iomradh lìon|ainm=|sloinneadh=|ùghdar_eile=|ùghdaran_eile=|ceann-là=|tiotal=Structar|url=http://www.faclair.ac.uk/gaidhlig/structar.html|ceann-là_inntrigidh=2019-06-07|foillsichear=Faclair na Gàidhlig|duilleagan=|cànan=Gàidhlig|url_tasgaidh=https://web.archive.org/web/20170714202713/http://www.faclair.ac.uk/gaidhlig/structar.html|ceann-là_tasgaidh=2017-07-14}}</ref> Thèid abairtean a thogail bho theagsaichean Gàidhlig gus brìgh nam facal a chur an cèill.<ref name=":1" />
== Rianachd ==
Tha prìomh-oifis an Fhaclair aig Fàs, Sabhal Mòr Ostaig.
=== Luchd-obrach ===
Ann an 2019, tha aon neach-obrach làn-ùine air a’ phròiseict, agus ceathrar luchd-comhairle pàirt-ùine.
* Lorna Pike, Stiùiriche Faclaireachd.
* Marace Dareau, Neach-comhairle Deasachaidh.
* An t-Ollamh Uilleam MacGill' Ìosa, Rannsaichear Urramach, Oilthigh Dhùn Èideann. Tha e na Neach-comhairle Cànain dhan fhaclair.
* Dr Martina Maher, tha i na neach-rannsachaidh làmh-sgrìobhainnean airson Faclair na Gàidhlig.
* Mark McConville. Tha Mark na Chomhairliche Siostaman dhan fhaclair.
* Colm Ó Baoill, Ollamh Emeritus na Ceiltis, Oilthigh Obar Dheathain. Tha e na Neach-comhairle Cànain dhan fhaclair.
* Sharon Pearson, Manaidsear Pròiseict.
* Olga Szczesnowicz, An-dràsta tha i fo thrèanadh mar Fhacladair.
* Dr Eystein Thanisch, ’s e neach-rannsachaidh làmh-sgrìobhainnean a th’ ann airson Faclair na Gàidhlig.
=== Comataidh Stiùiridh ===
'S iad buill Comataidh Stiùiridh Faclair na Gàidhig (2019<ref>{{Iomradh lìon|ainm=|sloinneadh=|ùghdar_eile=|ùghdaran_eile=|ceann-là=|tiotal=Comataidh Stiùiridh|url=http://www.faclair.ac.uk/gaidhlig/comataidh_stiuiridh.html|ceann-là_inntrigidh=2019-06-07|foillsichear=Faclair na Gàidhlig|duilleagan=|cànan=Gàidhlig|url_tasgaidh=https://web.archive.org/web/20190607131540/http://www.faclair.ac.uk/gaidhlig/comataidh_stiuiridh.html|ceann-là_tasgaidh=2019-06-07}}</ref>)
==== Riochdairean nan Oilthighean ====
* [[Thomas Clancy]] (Iar-Neach-gairm), Ollamh na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu.
* [[Ingeborg Birnie]], Òraidiche ann an Gàidhlig aig Oilthigh Shrath Chluaidh.
* [[Will Lamb|Uilleam Lamb]], Òraidiche ann an Celtis agus Eòlas na h-Alba,Oilthigh Dhùn Èideann.
* [[Gillian Rothach|An Dr Gillian Rothach]]
* [[Moray Watson]], Àrd-Òraidiche na Gàidhlig agus Leas-Stiùiriche don Institiùd airson Rannsachadh ann an Eòlas Èireannach is Albannach, Oilthigh Obar Dheathain.
==== A b' àbhaist a bhith air a' Chomataidh ====
* [[Boyd Robasdan]] (Neach-gairm), Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig OGE ann an 2011-2017.<ref name=":2">{{Iomradh lìon|ainm=|sloinneadh=|ùghdar_eile=|ùghdaran_eile=|ceann-là=|tiotal=Comataidh Stiùiridh|url=https://web.archive.org/web/20110318101211/http://www.faclair.ac.uk:80/gaidhlig/comataidh_stiuiridh.html|ceann-là_inntrigidh=2019-06-07|foillsichear=Faclair na Gàidhlig|duilleagan=|cànan=|url_tasgaidh=https://web.archive.org/web/20110318101211/http://www.faclair.ac.uk:80/gaidhlig/comataidh_stiuiridh.html|ceann-là_tasgaidh=2011-05-18}}</ref><ref name=":3">{{Iomradh lìon|ainm=|sloinneadh=|ùghdar_eile=|ùghdaran_eile=|ceann-là=|tiotal=Comataidh Stiùiridh|url=https://web.archive.org/web/20170714094354/http://www.faclair.ac.uk:80/gaidhlig/comataidh_stiuiridh.html|ceann-là_inntrigidh=2019-06-07|foillsichear=Faclair na Gàidhlig|duilleagan=|cànan=Gàidhlig|ceann-là_tasgaidh=2017-07-14|url_tasgaidh=https://web.archive.org/web/20170714094354/http://www.faclair.ac.uk:80/gaidhlig/comataidh_stiuiridh.html}}</ref>
* [[Mona Wilson]], Àrd Òraidiche ann an Gàidhlig aig Oilthigh Shrath Chluaidh ann an 2016-2017.<ref name=":3" />
* [[Tormod MacGillÌosa|Tormod MacGilIiosa]], Stiùiriche Sabhal Mòr Ostaig OGE ann an 2011.<ref name=":2" />
* Susan Manning, Stiùiriche na Stèidheachd airson Àrd Sgrùdaidhean anns na h-Ealain agus Ollamh Grierson ann an Litreachas na Beurla aig Oilthigh Dhùn Èideann ann an 2011.<ref name=":2" />
* [[Colm Ó Baoill]], Ollamh Emeritus na Ceiltis, Oilthigh Obar Dheathain.<ref name=":2" />
===== Prìomh Luchd-Sgrùdaidh =====
* [[Uilleam MacGilI'Ìosa|An t-Ollamh Uilleam MacGilI'Ìosa]], Ollamh na Ceiltis aig Oilthigh Dhùn Èideann.<ref name=":2" />
* [[An t-Ollamh Dòmhnall Meek]], Ollamh Eòlas na h-Alba agus na Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann.<ref name=":2" />
=== Bòrd Comhairleachaidh ===
* [[Roibeard Ó Maolalaigh|An t-Ollamh Roibeard Ó Maolalaigh]] (Cathraiche), Iar-Prionnsabal agus Ceannard Cholaiste nan Ealain, Ollamh na Gàidhlig, Oilthigh Ghlaschu.
* Marace Dareau, Neach-comhairle Deasachaidh.
* An Dr Charles Dillon, Deasaiche Foclóir Stairiúil na Gaeilge/Faclair Eachdraidheil na Gaeilge aig Acadamaidh Rìoghail na h-Èireann bho 2016.
* Dr Anthony Harvey, Neach-deasachaidh Dictionary of Medieval Latin from Celtic Sources (DMLCS) aig Acadamaidh Rìoghail na h-Èireann.
* Andrew Hawke, Neach-deasachaidh Stiùireach Geiriadur Prifysgol Cymru (GPC) / Faclair na Cuimris aig Oilthigh na Cuimrigh.
* An t-Ollamh Uilleam MacGilI' Ìosa, Rannsaichear Urramach, Oilthigh Dhùn Èideann.
* Mark McConville, Manaidsear-phròiseict DhASG ([[Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig]]).
* Colm Ó Baoill, Ollamh Emeritus na Ceiltis, Oilthigh Obar Dheathain.
* [[Boyd Robasdan|Proifeasair Boyd Robasdan]].
== Maoineachadh ==
Fhuair Faclair na Gàidhlig taic bho [[Riaghaltas na h-Alba]], [[Urras Brosnachaidh na Gàidhlig]], Urras Leverhulme, [[Comhairle Maoineachaidh na h-Alba]], [[Bòrd na Gàidhlig]], Economic & Social Research Council, Arts & Humanities Research Council, an Carnegie Trust for the Universities of Scotland.<ref>{{Iomradh lìon|ainm=|sloinneadh=|ùghdar_eile=|ùghdaran_eile=|ceann-là=|tiotal=Buidhnean Taic|url=http://www.faclair.ac.uk/gaidhlig/buidhnean_taic.html|ceann-là_inntrigidh=2019-06-07|foillsichear=Faclair na Gàidhlig|duilleagan=|cànan=Gàidhlig|url_tasgaidh=https://web.archive.org/web/20170617071603/http://www.faclair.ac.uk/gaidhlig/buidhnean_taic.html|ceann-là_tasgaidh=2017-06-17}}</ref>
== Iomraidhean ==
<references />
== Ceanglaichean a-mach ==
* [https://www.faclair.ac.uk/blog/366/gd Faclair na Gàidhlig: Am faclair agus muinntir an fhaclair] ''(Eachdraidh Fhaclair na Gàidhlig)'', Lorna Pyke, 2024
{{Smachd ùghdarrais}}
[[Roinn-seòrsa:Cànanachas]]
[[Roinn-seòrsa:Gàidhlig]]
1dt85x5y6tgr5gdnf90b0v8jhdq3f7u