Uicipeid gdwiki https://gd.wikipedia.org/wiki/Pr%C3%AComh-Dhuilleag MediaWiki 1.46.0-wmf.22 first-letter Meadhan Sònraichte Deasbaireachd Cleachdaiche Deasbaireachd a' chleachdaiche Uicipeid An deasbaireachd aig Uicipeid Faidhle Deasbaireachd an fhaidhle MediaWiki Deasbaireachd MediaWiki Teamplaid Deasbaireachd na teamplaid Cobhair Deasbaireachd na cobharach Roinn-seòrsa Deasbaireachd na roinn-seòrsa TimedText TimedText talk Mòideal Deasbaireachd mòideil Event Event talk Meatailt marbh 0 9242 581930 90769 2026-04-07T00:53:26Z Xqbot 2678 Bot: Fixing double redirect from [[Meatailt Bàis]] to [[Meatailt bàis]] 581930 wikitext text/x-wiki #REDIRECT [[Meatailt bàis]] jaxy11vlz0e7dphlugnbgafhlmx0auq Deasbaireachd:Meatailt marbh 1 9243 581928 90791 2026-04-07T00:53:16Z Xqbot 2678 Bot: Fixing double redirect from [[Deasbaireachd:Meatailt Bàis]] to [[Deasbaireachd:Meatailt bàis]] 581928 wikitext text/x-wiki #REDIRECT [[Deasbaireachd:Meatailt bàis]] 4e6llm5giucdfubapnxmkhuh3kssc09 Tiriodh 0 9505 581926 567489 2026-04-06T16:33:01Z SaoiDunNeachdain 19629 581926 wikitext text/x-wiki [[Faidhle:Tiree, Balephuil Bay.jpg|thumb|275px|A' coimhead siar gu Baigh Baile a' Phuill, tarsainn a' [[machair|mhachair]].]] [[Faidhle:Tiree, spotted house.jpg|thumb|275px|Seann taigh 'breac' air urachadh.]] [[Faidhle:Tiree_Satellite_Photo.png|thumb|275px|Iomhaigh [[dreagaire]] dha Tioraidh.]] Tha eilean '''Thiriodh''' no '''Tìr Idhe''' anns [[na h-Eileanan a-staigh]], don iar-dheas air [[Eilean Cholla]]. Tha e suidhichte ann an Roinn Comhairle <em>[[Earra-Ghaidheal agus Bòd|Earra-Ghaidheal agus Bhòid]]</em>. 'S e eilean ìosal, torrach a th' ann agus a bharrachd air turasachd 's e croitearachd am beòshlaint as motha aig muinntir an eilein. Fhad 's a bha 770 duine a' fuireach ann an Tiriodh anns a' bhliadhna 2001, a rèir cunntas-sluaigh cha robh ach 653 duine a' fuireach anns an eilean ann an 2011.<ref>[http://www.scotlandscensus.gov.uk/documents/censusresults/release1c/rel1c2tableA4.pdf National Records of Scotland 2011 Census] Earr-ràdh 2: ''Population and households on Scotland’s inhabited islands'' (PDF). Air a tharraing 10 an Lùnastal 2015</ref> Tha tòrr luchd-labhairt na [[Gàidhlig]] ann an Tiriodh (38.3% a-rèir Cunntas-sluaigh 2011), ceudachd àrd airson nan Eileanan a-Staigh. 'S e [[Sgairinis]] prìomh-bhaile Thiriodh. Bidh bataichean-[[aiseag|aiseig]] a' seòladh a Sgairinis gu ruige [[Àirigh nan Gobhar]] air Colla agus [[an t-Òban]] air tìr-mòr [[Alba]]. Tha cuideachd [[port-adhair Thiriodh|port-adhair]] beag faisg air a' bhaile. A-measg bailtean eile an eilein tha Haoidhnis agus Sanndaig, le taighean-tasgaidh beaga 'san dà chuid. Tha Tiriodh cliùiteach air sgath an Dùin Mhòir, [[borg]] bhon chiad linn RC ann am Bhalla,<ref>Canmore: [https://canmore.org.uk/site/21524/tiree-dun-mor-vaul Tiree, Dun Mor, Vaul] (Beurla). Air a tharraing 20 an Giblean 2016.</ref> Clach a' Choire, clach snaidhte àrsaidh agus airson eòin rubha Cheann a' Bhara. Thathar a' tighinn a Thiriodh cuideachd airson seòladh-clàir agus tha stèisean-rèadair air an eilean a tha a' cumail sùil air plèanaichean catharra. == Eachdraidh == Ann an 1770, 's ann le ceithir tuathanaich deug a bha air talamh a thraoghadh airson arbhair agus ionaltraidh a bha dàrna leth an eilein. Seach a bhith a' cur air falbh crodh beò (a bhiodh tric claoidhte as dèidh an turais fhada don mhargaidh agus air nach fhaighte prìsean àrda), thòisich iad air cur air falbh feòil-mhairt shaillte ann am baraillean, air an robh fèill na bu mhotha. Bha an corr den eilean air a chur a-mach air mhàl do dhà fhichead 's a còig buidhnean de dh'àitreabhaichean air tuathanasan co-chomuinn: buidhnean àiteachaidh a bh' air a bhith ann dh'fhaoidte o linn nan cinnidhean. Bhathar a' toirt seachad talamh-croit tro bhot bliadhnail agus bhathar a' taghadh cinn-latha cur agus buain le chèile. Chaidh aithris ann an 1774 gun robh muinntir Thiriodh ''well-clothed and well-fed, having an abundance of corn and cattle''. Chaidh port-adhair feachd an adhair ([[RAF]]) a thogail air Tiriodh tron [[Dàrna Cogadh]] agus chaidh a chleachdadh mar phort-adhair chatharra as dèidh a' Chogaidh. Bha cuideachd Stèisean-rèadair RAF aig Cill Choinnich agus fear eile aig Beinn Hogh. Bha stèisean-tamaill aig Goirtean Dhòmhnaill rompa seo agus as dèidh a' Chogaidh bha stèisean-reudair ROTOR aig an RAF aig Beinn Ghot. Tha toglaichean an eilein ainmeil, nam measg 'taighean dubha' agus 'taighean geala' - tha an seann tughadh fhathast air tòrr aca seo - agus na taighean 'breaca' nach fhaighear ach air an eilean, far a bheil an t-aol air a pheantadh geal. == Freumh an ainm == Tha cuid a' cumail a-mach gu bheil an t-ainm a' ciallachadh 'Eilean an Arbhair', air sgath mar a bhiodh Tiristich a' reic gràn do na manaich ann an Abaid Eilein I, air an ear-dheas, agus don Aba Calum Cille (b. 597), san t-siathamh linn. Bha grunn mhanachainn Crìosdail Ceilteach ann an Tiriodh fhèin aig aon am, agus tha clachan snaidhte ann an corra àite bhon linn seo, me. Teampull Naomh Phàdraig, Ceann a' Bhara (NL 938 401) agus Soiribidh (NL 984 416). == Bàrdachd Thirisdeach == Tha dà leabhar mu na bàird Thirisdeach * Rev. Hector Campbell (1932) 'Na Bàird Thirisdeach' Stirling * Eric Creegan & Donald W. MacKenzie (1978) 'Tiree Bards and Their Bardachd' Isle of Coll, Argyll: Society of West Highland & Island Historical Research ISBN 0906366003 === Na Bàird Thirisdeach === * Dughallach, Donnchach (1841) "Laoidhean Spioradail a chum cuideachadh le Crabhadh nan Gael" Printed by John Niven & Son, Glasgow. == Eagar Earra Ghàidheal == (25.06.2010) Dh'fhoillsich <em lang="en">Scottish Renewable Power</em>, aig toiseach Ògmhios 2010, sgeama 's an amharc, a thogail tuathanas gaoithe de 500 muilnean air an Sgeir Mhòir 5km iar-dheas a Tiriodh. Cosgaidh an leasachadh seo mu £6,000,000,000 Breatannach agus tha dùil gun adhbharaich e àrdachadh sluagh an Eilein bho 800 daoine gu 1100 daoine, le ceudan a bharrachd air sin a' còmhnaidh air an eilean fad 's a bhios an obair togail a' dol air adhart. == Bratach == [[Faidhle:Tiree Island Flag.svg|thumb|Bratach Thiriodh]] Bhuannaich Dòmhnall Camshron à Sgairinis co-fharpais airson bratach ùr an eilein a dhealbhadh ann an 2018. Chaidh am bratach a thogail a' chiad turas [[8 an t-Sultain|8 Sultain]] [[2018]].<ref>{{iomradh naidheachd |url = https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/45470611 | tiotal = Bratach Thiriodh | foillsichear = Naidheachdan a' BhBC | ceann-là = 2018-09-10 | ceann-là_inntrigidh = 2019-01-17 }}</ref> == Fiadh-bheatha == ’S ann an Tiriodh a tha an àireamh as motha de [[traon|thraoin]] ann an Albainn - 346 a-mach à 1059 a chaidh a chunntadh ann an Albainn ann an 2016.<ref>[http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/37787599 BBC Naidheachdan 2016-10-27: Àireamhan nan traon sìos a-rithist]</ref> == Sgrìobhaidhean mun eilean ann an Gàidhlig == * Camshron, An t-Urr. Eachunn. (1938). 'Tiriodh', ann an ''Am Measg nam Bodach''. Glaschu: An Comunn Gaidhealach. dd. 59-66. * Meek, Dòmhnall (1980). 'Aimhreit an Fhearainn an Tiriodh, 1886', ann an ''Oighreachd agus Gabhaltas'', deas. Dòmhnall MacAmhlaigh. Obar-Dheadhan: Roinn an Fhoghlaim Cheiltich Oilthigh Obar-Dheadhan. dd. 23-31. ==Tùsan== <references/> == Ceanglaichean a-mach == * [https://www.isleoftiree.com Community Website] - Duilleag oifigeil Thiriodh * [https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/31830534 BBC Naidheachdan 2016-03-12: Seirbheisean adhair ùra do Thiriodh] * [https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/35995455 BBC Naidheachdan 2016-04-08: Leabharlann Thiriodh air a ghleidheadh] ''(aithris-bhideo 2:24)'' * [https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/37794697 BBC Naidheachdan 2016-10-28: Crìonadh anns na tha de dhaoine òg a' fuireach ann an Tiriodh] ''(aithris-bhideo 2:37)'' * [https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/38658908 BBC Naidheachdan 2017-01-17: “Botal” le teachdaireachd na bhroinn a' ruighinn Tiriodh] (bho Inis Tìle) ''(aithris-bhideo 2:13)'' * [https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/38838994 BBC Naidheachdan 2017-02-02: Leasachadh do chalaidhean Thiriodh] * [https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/38835733 BBC Naidheachdan 2017-01-01: Dòchas ann an Tiriodh gun tig piseach air an t-seirbheis eadar-lìn aca] ''(aithris-bhideo 2:19)'' * [https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/38853160 BBC Naidheachdan 2017-02-03: Seirbheisean adhair a bharrachd a Thiriodh] * [https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/38904963 BBC Naidheachdan 2017-02-08: Gàidhlig air ais aig Sgoil-àraich Thiriodh] * [https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/38956161 BBC Naidheachdan 2017-02-13: Gàidhlig Thiroidh] ''(sgoil-àraich)'' ''(aithris-bhideo 2:36)'' * [https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/fbh/62088155 BBC Naidheachdan 2022-07-08: Fèis Thiriodh a' comharrachadh 30 bliadhna] ''(aithris-bhideo 2:28) {{Na h-Eileanan a-staigh}} {{Smachd ùghdarrais}} [[Roinn-seòrsa:Eileanan a-staigh]] [[Roinn-seòrsa:Earra-Ghàidheal agus Bòd]] f65c9y9w6omz1g72o1fa65pvqi2dm4z Death Metal 0 10221 581931 66561 2026-04-07T00:53:31Z Xqbot 2678 Bot: Fixing double redirect from [[Meatailt Bàis]] to [[Meatailt bàis]] 581931 wikitext text/x-wiki #REDIRECT [[Meatailt bàis]] jaxy11vlz0e7dphlugnbgafhlmx0auq Deasbaireachd:Death Metal 1 10222 581929 66563 2026-04-07T00:53:21Z Xqbot 2678 Bot: Fixing double redirect from [[Deasbaireachd:Meatailt Bàis]] to [[Deasbaireachd:Meatailt bàis]] 581929 wikitext text/x-wiki #REDIRECT [[Deasbaireachd:Meatailt bàis]] 4e6llm5giucdfubapnxmkhuh3kssc09 Tiomnadh Bhruis 0 20141 581927 571450 2026-04-06T18:12:28Z Comhachag-bheag 10899 a' càradh cheanglaichean 581927 wikitext text/x-wiki [[Faidhle:Declaration of arbroath.jpg|thumb|Lethbhreac den tiomnadh air a ghlèidheadh ann an Tasg-lannan Nàiseanta na h-Alba.]] 'S e '''Tiomnadh Bhruis air [[neo-eisimeileachd]] na h-Alba''' foillseachadh às leth [[Raibeart I na h-Alba|Rìgh Raibeirt Bhruis]] a chaidh a sgrìobhadh le [[Bernard de Linton]], [[aba]] [[Obar Bhrothaig]] agus a chur a dh'ionnsaigh a ' Phàpa Iain XXII, le òrdagh Àrd-luchd-riaghlaidh na h-Alba an dàil na Pàrlamaid ann an Abaid Obar Bhrothaig fo Uachdranachd an Rìgh, Raibeart Brus, an 6mh latha den Ghiblean,1320.<ref>D.M.N.C, Sgrìobhaidhean Dhòmhnaill Mhic na Ceàrdaich, "Tiomnadh Bhruis" t-d, 361; CLÀR 2014</ref> Aig an àm san deach an tiomnadh seo a chur an cèill bha Raibeart Brus, Rìgh nan Albannach, fo ascaoin na h-Eaglaise ri linn a' Phàpa, Eòin XXII, agus bha e a-mhàin roimhe sin fo ainteisteas cheudna le òrdagh a' Phàpa Cleamain V. a thaobh murt Iain Choimin - "An Coimin Ruadh" - sa bhliadhna 1305. <ref>D.M.N.C, Sgrìobhaidhean Dhòmhnaill Mhic na Ceàrdaich, td 363; CLÀR 2014</ref> 'S e litir a th' anns an tiomnadh seo don [[Pàp|Phàpa]] [[Iain XXII]] ag iarraidh air ascaoin a' Bhrusaich a thogail, agus mar sin suidheachadh [[Rìoghachd na h-Alba]] a neartachadh.<ref>G Barrow: ''Robert the Bruce and the Scottish Identity'', 1984</ref> Chaidh a sgrìobhadh anns an [[Laideann]] agus tha 39 fir (8 [[Iarla|iarlan]] agus 31 [[Baran|barain]] air an ainmeachadh aig toiseach na sgrìobhainne. Ge-tà, on a fhuaras gun deach [[Seula|seulan]] eile a chur ris a' lethbhreac, (air a ghleidheadh ann an [[Tasg-lannan Nàiseanta na h-Alba]], [[Dùn Èideann]]), tha e coltach gun robh barrachd air 39 seulan ann bho thùs. 'S e an earrann seo shìos a' phàirt den fhoillseachadh air as motha bheil de dh'iomradh: ::''...oir cho fada is a sheasas ceud againn beò, gu bràth cha ghèill sinn do Shasann. Chan ann airson cliù, glòr no saoibhreas a tha sinn a' cath, ach airson na saorsa sin às aonais nach maireann idir duine trèibhdhireach.''<ref>D.M.N.C, Sgrìobhaidhean Dhòmhnaill Mhic na Ceàrdaich, td362; CLÀR 2014</ref> ==Faic cuideachd== * [[Blàr Allt a' Bhonnaich]] ==Ceanglaichean a-mach== * [https://web.archive.org/web/20090409010616/http://www.nas.gov.uk/about/090401.asp Taisbeanadh Obar Bhrothaig air làrach-lìn Tasg-lannan Nàiseanta na h-Alba] (Beurla) * [http://www.geo.ed.ac.uk/home/scotland/arbroath_latin.html Teacsa tùsail an Taisbeanaidh anns an Laideann] * [http://www.geo.ed.ac.uk/home/scotland/arbroath_english.html Eadar-theangachadh an teacsa don Bheurla] ==Iomraidhean== <references/> {{bun}} [[Roinn-seòrsa:Eachdraidh na h-Alba]] [[Roinn-seòrsa:1320an]] mxfrmgp396oilk7qkkdkth0o16er069