Uicipeid gdwiki https://gd.wikipedia.org/wiki/Pr%C3%AComh-Dhuilleag MediaWiki 1.46.0-wmf.23 first-letter Meadhan Sònraichte Deasbaireachd Cleachdaiche Deasbaireachd a' chleachdaiche Uicipeid An deasbaireachd aig Uicipeid Faidhle Deasbaireachd an fhaidhle MediaWiki Deasbaireachd MediaWiki Teamplaid Deasbaireachd na teamplaid Cobhair Deasbaireachd na cobharach Roinn-seòrsa Deasbaireachd na roinn-seòrsa TimedText TimedText talk Mòideal Deasbaireachd mòideil Event Event talk Turasachd 0 941 581957 579449 2026-04-14T18:48:08Z CreagNamBathais 11992 ceangal briste a chur às 581957 wikitext text/x-wiki [[Faidhle:Scotland_Shop,_Edinburgh_-_DSC06194.JPG|thumb|Bùth airson luchd-turais ann an [[Dùn Èideann]]]] 'S e còmhdhail le toil agus an gnìomhachas chòmhdhail le toil a tha ann an '''turasachd'''. 'S urrainn do turasachd a bhith cudromach ann an àitichean radharcach, mar eisimpleir [[a' Ghàidhealtachd]] agus na h-eileanan. Tha brosnachadh turasachd ann an [[Alba]] an urra ri [[VisitScotland]], am Buidheann Phoblach Neo-Roinneil a bha na Bhòrd Turasachd na h-Alba.<ref>https://www.visitscotland.com/ Air a tharraing 11 an Cèitean 2016.</ref> == Iomraidhean == <references/> {{Smachd ùghdarrais}} [[Roinn-seòrsa:Giùlan]] [[Roinn-seòrsa:Turasachd]] l8zf7veoe8arke76539emqo1h8nzsbs Dùn Èideann 0 989 581958 581908 2026-04-14T18:53:21Z CreagNamBathais 11992 /* Ceanglaichean a-mach */ ceangal briste a chàradh 581958 wikitext text/x-wiki {{Baile ann an Alba | AINM = Dùn Èideann | LÙIREACH_LEUD = 60 | DEALBH = EdinburghMontage.png | GLACADH= Seallaidhean Dùn Èideann | LEUD = 55° 56′ Tuath | ASTAIR = 3° 9′ Iar | COMHAIRLE = [[Comhairle Baile Dhùn Èideann]] | Domhan-leud = 55.93 | Domhan-fhad = -3.15 | FARSAINGEACHD = 259 | ÀIREAMH_SHLUAIGH = 459366 | BLIADHNA = 2011<ref>{{iomradh lìon | url =https://www.citypopulation.de/php/uk-scotland.php | tiotal = Scotland (United Kingdom) - Council Areas & Localities - Population statistics in maps and charts | ainm = Thomas | sloinneadh = Brinkhoff | ceann-là_inntrigidh = 2017-02-12}}</ref> | FÒN = 0131 | DUILLEAG = http://www.edinburgh.gov.uk/ }} 'S e '''Dùn Èideann'''<ref>{{iomradh lìon | url = https://www.ainmean-aite.scot/?id=40528 | tiotal = Edinburgh/Dùn Èideann | foillsichear = [[Ainmean-Àite na h-Alba]] | ceann-là_inntrigidh = 2023-03-09 }}</ref> (Beurla: ''Edinburgh'') [[prìomh-bhaile]] na h-[[Alba]] (bho [[1437]]) ach chan e am baile as motha – sin [[Glaschu]]. 'S e 453,670 àireamh-shluaigh a' bhaile agus 's e an seachdamh cathair as motha a tha anns [[an Rìoghachd Aonaichte]]. Tha Dùn Èideann suidhichte air an oirthir aig taobh an ear na h-Alba. B' e Dùn Èideann prìomh-bhaile sgìre [[Roinn Lodainn]] cuideachd. == Eachdraidh == [[Faidhle:Hereford Mappa Mundi detail Britain.jpg|thumb|left|Dùn Èideann ann an [[1300]]]] 'S e baile le sean Rìoghachd [[Bhreatannach]] a bh' ann an Dùn Èideann no Din Eidyn mar a chanar anns an sean chànan aig nam Breatannaich. Tha an daingneach fèin suidhichte air creag bholcanachd. Rè an linn-deighe, bha sgìre Dùn Èidinn fo raon dòigh a bha siubhal dhan ear. Dh'fhàg sin aghaidh dìreach dhan iar de'n creag agus earball truaill dhan ear (Is e [[creag is earball]] an t-ainm air an cruth-tìre seo). Air barrachd dh'fhàg e lagan air taobh tuath agus taobh dheas- a chruthaich da loch: Loch A' Thuatha agus an Loch Deasachd. Tha "An Seann Bhaile" suidhichte air an earball, leis an Àrd Sraid na ruith sìos na droma dhan Chanongait a leanas air adhart gu geata Lùchairt Rìoghail An Ròid. Eadar Dùn agus lùchairt lorgar prìomh togalach na stàite: Seann Ceàrnag a' Phàrlamaid–a tha chun latha an diugh prìomh ionad nan luchd-lagha Albannaich (gleidh [[Achd an Aonaidh]] de 1707 rian lagh na h-Albainn) agus an Àras, sònraichte ris Giles Naomh, Seachad air Taigh Comhairle Dhùn Èidinn, lorgar an seann "Tolbooth" agus Taigh Seinnse "Deireadh an t-Saoghal" (a chomharraicheas iomall balla a' bhaile 's na meadhan aoisean, nuair a bha an Canongait na baile fa-leth taobh a-muigh na ballaichean). Ri taobh bun a' Chanongait lorgar "Taigh an Roid", taigh pàrlamaid ur na h-Alba. Thòisich am baile a sgap am seachad air a sheann crìochan rè an 18mh cheud. Thogadh [[Baile Ur Dhùin Èidinn]] dhan thaobh tuatha aig deireadh an 18mh cheud, mu'n am a' ghluais muinntir an oilthigh dha thaobh deas far a bheil an oilthigh suidhichte chun latha an diugh. == Cultar == 'S e cridhe a' bhaile [[Caisteal Dhùn Èideann]] air mullach [[Creag a' Chaisteil]]. Tha fèis armachd ainmeil ann gach bliadhna ris an canar an "Edinburgh Military Tattoo", far am bi saighdearan a sealltainn cho ealanta 's a tha iad ann an co-fharpais, ceòl agus màrsadh. [[Faidhle:Edinburgh fringe royal mile street performance.jpg|thumb|left|Cluicheadairean air prìomh-shràid Dhùn Èideann]] Tha fèis ainmeil eile ann airson dràma ris an canar, gu simplidh, '''Fèis Dhùn Èideann''' no '''The Edinburgh Festival''<nowiki/>' ann am [[Beurla]]. Bidh mìltean de chleasaichean a' tighinn agus a' gabhail pàirt bho fheadhainn ainmeil gu feadhainn neo-ainmeil a tha a' feuchainn ri ainm a dhèanamh dhaibh fhèin. Chaidh am [[Am Mòd Nàiseanta Rìoghail|Mòd Nàiseanta]] a chumail ann an Dùn Èideann anns na bliadhnaichean 1899, 1910, 1919, 1935, 1951, 1960 agus 1986. == Spòrs == Tha an lann-cluiche nàiseanta airson sgioba [[Sgioba nàiseanta rugbaidh na h-Alba|Rugbaidh]] Albannach ann – [[Murrayfield]] – agus dà sgioba mòr [[ball-coise]] a bhios a' cluich anns a' Phrìomh-Lìog; [[Hibs]] agus [[Hearts]]. Tha [[Sgioba nàiseanta criogaid na h-Alba]] a' cluich aig ''The Grange'' ann an Dùn Èideann. Chum Dùn Èideann Geamaichean a' Cho-fhlaitheis ann an [[1970]] agus [[1986]]. == Foghlam == 'S e bun-sgoil làn-Ghàidhlig ann an Dùn Èideann, [[Bun-sgoil Taobh na Pàirce]]. Tha e faisg air Pàirc Pilrig anns an [[Lìte]]. Faodaidh clann a thig tron sgoil leantainn orra aig [[Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig]] far a bheil iomadh cuspair ga theagasg tro mheadhan na Gàidhlig. [[Faidhle:University of Edinburgh, Teviot.jpg|thumb|[[Oilthigh Dhùn Èideann]]]] Tha dìleab agus tòrr eachdraidh ann am [[foghlam]] a' bhaile agus 's e [[Oilthigh Dhùn Èideann]] aon de na h-oilthighean as ainmeil ann am [[Breatainn]] agus san t-saoghal. Tha dà oilthigh ùr ann an Dùn Èideann, [[Oilthigh Heriot-Watt]], stèidhichte ann an [[1821]] agus [[Oilthigh Napier]], stèidhichte ann an [[1992]]. Tha ''Scottish Agricultural College (SAC)'' an colaiste ann an Dùn Èideann a deas. == Daoine ainmeil == * [[Walter Scott]] ([[1771]]–[[1832]]). Sgrìobhadair. * [[Alexander Graham Bell]] ([[1847]]–[[1922]]). Dh'innlich e am fòn. * [[Sean Connery]] ([[1930]]). [[Actair]]. * [[Coinneach MacAsgaill]] ([[1958]]). [[Neach-poileataigs]]. * [[Meg Bateman]] ([[1959]]). [[Bàrd]] [[Gàidhlig|Gàidhealach]]. == Sgìrean == [[Am Baile Àirneach]] | [[Àth na Sglèata]] | [[Balgreen]] | [[Brunstane]] | [[Cnoc Churraich]] | [[Cnoc an Rìgh]] | [[Comely Bank]] | [[Crois na Cìse]] | [[Drumbrae agus Gyle]] | [[Dùn Mheinidh]] | [[Gracemount]] | [[Gyle a Deas]] | [[Hailes an Iar]] | [[Liberton]] | [[Lìte]] | [[Margadh an Fheòir]] | [[Sean Bhaile Dhùn Èideann|Sean Bhaile]] | [[Taigh an Ròid]] | [[Talla na Creige Nuadh]] == Baile-cèile == {| style="background:transparent" | style="vertical-align:top" style="width:50%" | * [[Faidhle:Flag of Denmark.svg|border|22px]] [[Aalborg]] * [[Faidhle:Flag of New Zealand.svg|border|22px]] [[Dunedin]] * [[Faidhle:Flag of Italy.svg|border|22px]] [[Firenze]] * [[Faidhle:Flag of Ukraine.svg|border|22px]] [[Kyiv]] * [[Faidhle:Flag of Poland.svg|border|22px]] [[Kraków]]<ref>[http://www.krakow.pl/otwarty_na_swiat/2531,kat,0,5,miasta_partnerskie.html Urząd Miasta Krakowa]</ref> * [[Faidhle:Flag of Japan.svg|border|22px]] [[Kyoto Prefecture]] |valign="top"| | width = "550" | * {{ibrat|DEU}} [[München]] * [[Faidhle:Flag of France.svg|border|22px]] [[Nice]]<ref>[http://www.annuaire-mairie.fr/ville-nice.html Annuaire de France]</ref> * [[Faidhle:Flag of the United States.svg|border|22px]] [[San Diego]]<ref>[http://www.sister-cities.org/directory/index.cfm SisterCities]</ref> * [[Faidhle:Flag of Canada.svg|border|22px]] [[Vancouver]] * [[Faidhle:Flag of Lithuania.svg|border|22px]] [[Vilnius]] * [[Faidhle:Flag of the People's Republic of China.svg|border|22px]] [[Xi'an]] |} == Aistean co-cheangailte == * [[Prìomh-bhailtean]] * [[Hibernian]] * [[Hearts]] * [[Sgioba Rugbaidh Dùn Eideann]] * [[Sgioba Naiseanta Alba (Rugbaidh)|Sgioba Naiseanta Alba]] * [[Oilthigh Dhùn Èideann]] * [[Pàrlamaid na h-Alba]] == Iomraidhean == <references/> == Ceanglaichean a-mach == * [https://www.edinburgh.gov.uk/ Comhairle Baile Dhùn Èideann] ''(Beurla)'' * [https://www.edinburgh.org/ Visit Edinburgh (bòrd turasachd)] ''(Beurla)'' * [http://duneideann.org/ Iomairt Ghàidhlig Dhùn Èideann] * {{ iomradh lìon | url = https://www.cearcall.net/ | tiotal = Cearcall Còmhraidh Dhùn Èidinn | ceann-là_inntrigidh = 2026-04-14 |foillsichear = Cearcall Còmhraidh Dhùn Èidinn}} * [https://www.ed.ac.uk/files/atoms/files/gaelic_in_edinburgh_web.pdf Dùn Èideann nan Gàidheal] ''(pdf)'' * [https://www.google.com/maps/d/viewer?mid=1dkI746CW9B-P8kt61Mr1442bGynhzQk Làraichean-coise Gàidhlig Dhùn Èideann] – mapa * [https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/46109763 BBC Naidheachdan 2018-11-06: Beachdachadh air ionad Gàidhlig an Dùn Èideann] ''(aithris-bhideo 4:23)'' Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Dùn Éideann * [https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/35685403 BBC Naidheachdan 2016-02-29: “Ìre èiginneach” ann an Dùn Èideann] * [https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/35687935 BBC Naidheachdan 2016-02-29: “Dragh mòr” a’ mhodaràtoir mu Dhùn Èideann] * [https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/35694727 BBC Naidheachdan 2016-03-01: Moladh Dhùn Èideann ga tharraing] ''(aithris bhideo 3:11)'' * [https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/36284748 BBC Naidheachdan 2016-05-13: Ceum air adhart do FMG an Dùn Èideann] * [https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/36368714 BBC Naidheachdan 2016-05-24: Comhairle Dhùn Èideann “ceart”] * [https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/fbh/55152986 BBC Naidheachdan 2020-12-02: Co-chomhairle mu àrd-sgoil Dhùn Èideann] ''(aithris-bhideo 1:31)'' {{Cathraichean na h-Alba}} {{Comhairlean na h-Alba}} {{Smachd ùghdarrais}} [[Roinn-seòrsa:Prìomh-Bhailtean na Roinn Eòrpa]] [[Roinn-seòrsa:Bailtean na h-Alba]] [[Roinn-seòrsa:Dùn Èideann|*]] 4p3gl8bou6uzevhjyuwfpbe924txq0k