Uicipeid
gdwiki
https://gd.wikipedia.org/wiki/Pr%C3%AComh-Dhuilleag
MediaWiki 1.46.0-wmf.26
first-letter
Meadhan
Sònraichte
Deasbaireachd
Cleachdaiche
Deasbaireachd a' chleachdaiche
Uicipeid
An deasbaireachd aig Uicipeid
Faidhle
Deasbaireachd an fhaidhle
MediaWiki
Deasbaireachd MediaWiki
Teamplaid
Deasbaireachd na teamplaid
Cobhair
Deasbaireachd na cobharach
Roinn-seòrsa
Deasbaireachd na roinn-seòrsa
TimedText
TimedText talk
Mòideal
Deasbaireachd mòideil
Event
Event talk
Khartoum
0
10995
582104
570558
2026-05-02T10:59:18Z
InternetArchiveBot
23657
Rescuing 0 sources and tagging 1 as dead.) #IABot (v2.0.9.5
582104
wikitext
text/x-wiki
{{Baile
| AINM = Cartúm/الخرطوم
| BRATACH =
| LÙIREACH =
| LÙIREACH_LEUD = 100
| MAPA = Khartoum.jpg
| DÙTHAICH = [[Faidhle:Flag of Sudan.svg|22px]] [[Sudan]]
| CEÀRN = Khartoum fhèin
| SGÌRE =
| LEUD = 15° 38 00' Tuath
| ASTAIR = 32° 32 00' Ear
| FARSAINGEACHD =
| ÀIREAMH_SHLUAIGH = 639598
| BLIADHNA = 2008
| FÒN = +
| DUILLEAG =
}}
'S e prìomh-bhaile [[Sudàn]] a tha ann an '''Cartúm''', [[Arabais]]: '''الخرطوم''' '''al-Kharṭūm'''. (a' ciallachadh: com an [[oilbheint]]). Tha e suidhichte far a bheil an Abhainn ''White Nile'' agus an Abhainn ''Blue Nile'' a tha a’ tighinn an aon mar Abhainn [[Nile]]. Canar "''the Mogran''" ris an àite seo. Tha Khartoum 1,196km air falbh bho [[Diuba|Dhiuba]] ([[Sudan a Deas]]), 1,613km bho [[Cairo|Chairo]] ([[An Èipheit]]), 686km bho [[Asmara]] ([[Eartra]]), 2,738km bho [[Tripoli]] ([[Libia]]), 1,926km bho [[N'Djamena]] ([[An t-Siad]]), 989km bho [[Addis Ababa]] ([[An Aetiòp]]) agus 1,970km bho [[Bamako|Bhamako]] ([[Poblachd Meadhan Afraga]]).<ref>[http://distancecalculator.globefeed.com/World_Distance_Calculator.asp Distance Calculator]</ref> Tha e suidhichte ann an cridhe na [[Dùthaich|dùthcha]], aig 379m os cionn ìre na [[Muir|mara]].<ref>[https://web.archive.org/web/20111130083642/http://population.mongabay.com/population/sudan/379252/khartoum Mongabay]</ref>
'S e seo an [[Co-chomharran an Domhain|co-chomharran]] aige: 15° 34’ Tuath agus 33° 36’ Ear. Tha e suidhichte san àirde a deas na [[Fàsach Bhayuda|Fàsaich Bhayuda]]. Chaidh am baile a stèidheachadh le [[Ibrahim Pasha]] anns a’ bhliadhna [[1821]] airson saighdearan às [[an Èipheit]] a stèidheachadh an seo. Ach dh’fhàs an tuineachadh nas motha mar àite malairt. Anns a’ bhliadhna 1899 bha Khartoum na phrìomh-bhaile Anglo-Egyptian Sudàn. An dèidh neo-eisimeileachd Shudàn ann an [[1956]] 's e prìomh bhaile den dùthaich ùr cuideachd.
== Foghlam ==
Tha mòran [[oilthigh]]ean ann an Khartoum:
* ''University of Khartoum'', stèidhichte anns a’ bhliadhna 1902 mar Gordon Memorial College
* ''Sudan University of Science and Technology'', oilthigh teicneòlas
* ''The Academy of Medical Sciences and Technology'', ainm eile: AMST, a’ cur air bonn le Prof. Mamoun Humaida
* ''Juba University''
* ''Bayan Science and Technology University''
* ''Al Neelain University''<ref>[http://www.neelain.edu.sd/ Neelain]{{Dead link|date=May 2026 |bot=InternetArchiveBot |fix-attempted=yes }}</ref>
* ''Omdurman Islamic University''<ref>[http://www.oiu.edu.sd/ OIU]</ref>
* ''Ahfad University for Women''<ref>[http://www.ahfad.org/ Ahfad University for Women]</ref>
* ''Academy of Medical Sciences and Technology'', Khartoum
Tha am port-adhair as motha ann an Khartoum: ''Khartoum International Airport''. Tha e na laighe ann am meadhan a’ bhaile. Ach thèid port-adhair ùr a thogail ann an [[Omdurman]]. 'S e an ''National Museum of Sudan'' an taigh-tasgaidh as motha feadh an Sudàn. Tha e ann an Khartoum.
Tha an dà ''Temples of Buhen and Semna'', a chaidh a ghluasad bho Loch Nasser, ri fhaicinn an seo.
== Daoine Ainmeil ==
* [[Muhammad Naguib]]: a' chiad cheann-suidhe [[an Èipheit|na h-Èipheite]].
== Bailtean Co-cheangailte ==
{| width=70%
|- valign ="top"
|width=15%|
* [[Faidhle:Flag of Jordan.svg|22px]] [[Amman]]
* [[Faidhle:Flag of Turkey.svg|22px]] [[Ankara]]
* [[Faidhle:Flag of Eritrea.svg|22px]] [[Asmara]]
* [[Faidhle:Flag of Egypt.svg|22px]] [[Cairo]]
|width=15%|
* [[Faidhle:Flag of Turkey.svg|22px]] [[Istanbul]]
* [[Faidhle:Flag of Sudan.svg|22px]] Omdurman
* [[Faidhle:Flag of Russia.svg|22px]] [[Sankt Peterburg]]
* [[Faidhle:Flag of China.svg|22px]] Wuhan
|}
== Dealbhan ==
<gallery>
File:Sudan n3.jpg|''Natakamani'', air beulaibh an Taigh-tasgaidh Nàiseanta
|Taigh-òsda ''Al-Fatih''
File:Sudan Khartoum View with Traffic 2003.jpg|Trafaig
File:Sudan Khartoum main mosque 1936.jpg|Khartoum ann an 1936
</gallery>
== Ceanglaichean A-mach ==
* [http://johan.lemarchand.free.fr/cartes/Afrique_capitales.html Prìomh-bhailtean na h-Afraga]
== Iomraidhean ==
<references/>
{{Commons|Category:Khartoum|Khartoum}}
{{Prìomh-bhailtean ann an Afraga}}
[[Roinn-seòrsa:Prìomh-bhailtean ann an Afraga]]
[[Roinn-seòrsa:Afraga a Tuath]]
hewjjk666tg0qb1yiuu0z5rd2oky6zl
Carl von Linné
0
11840
582101
567731
2026-05-02T00:28:21Z
InternetArchiveBot
23657
Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.5
582101
wikitext
text/x-wiki
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
B’ e [[creag-eòlaiche]], rannsachair [[bith-eòlas|bith-eòlais]] agus lusaire a bha ann an '''Carl von Linné''' (ainmean eile: '''Carl Linné''', '''Carl Linnaeus''', [[Laideann]]: '''Carolus Linnaeus'''). Rugadh e air 23 Cèitean [[1707]] air tuathanas ann an ceann a deas na [[an t-Suain|Suaine]] agus chaochail e air 10 Faoilteach [[1778]] ann an Uppsala, an t-Suain. Tha e cliùiteach airson an t-siostam ainmeachaidh ris an canar "Taxologie". Sgrìobh e rangachadh saidheansail airson daoine, a h-uile beathach agus lus, a tha fhathast air a chleachdadh le luchd bith-eòlas air feadh an t-[[an Saoghal|Saoghail]] an diugh.
An dèidh do a bhàs, cheannaich [[James Edward Smith]], bith-eòlaiche Sasannach, na cruinneachaidhean von Linné is stèidhich e the Linnean Society ann an Lunnainn.<ref>{{iomradh lìon | url = https://www.linnean.org/research-collections/linnaean-collections | tiotal = Linnaean Collections | Research Collections | foillsichear = Linnean Society | ceann-là_inntrigidh = 2018-05-23}}</ref>
== Eisimpleir ==
[[Faidhle:Systema Naturae cover.jpg|thumb|left|150px|Prìomh-dhuilleag den leabhar aige: ''Systema Naturae'', 1760]]
Rangachadh saidheansail airson '''''Homo sapiens''''':
* Rìoghachd (regnum) = Animalia ([[Beathach|beathaichean]])
* [[Fìleam]] (phylum) = [[Chordata]]
* Clas (classis) = Mammalia ([[Mamal|mamalan]])
* Òrdugh (ordo) = Primata ([[Prìomhaid|prìomhaidean]])
* Teaghlach (familia) = [[Hominidae]]
* Gèineas (genus) = ''[[Homo (genus)|Homo]]''
* Spèiseas (species) = '''''H. sapiens'''''
==Ceanglaichean a-muigh==
* [http://www.systbot.uu.se/information/history/linnaeus.htm Biography] aig Roinn Bith-eòlas aig Oilthigh Uppsala
* [https://web.archive.org/web/20110119125502/http://linnaeus.c18.net/ Litrichean ]
* [http://linnean.org/index.php?id=47 Biography] aig ''The Linnean Society'' ann an [[Lunnainn]]
* [http://linnaeus.nrm.se/botany/fbo/welcome.html.en Linnean Herbarium]
== Iomraidhean ==
<references/>
{{Commons|Carolus Linnaeus}}
{{DEFAULTSORT:Linnaeus, Carl}}
{{Smachd ùghdarrais}}
[[Roinn-seòrsa:Eòlaichean agus Innleachdairean]]
[[Roinn-seòrsa:Bith-eòlas]]
[[Roinn-seòrsa:Daoine às an t-Suain]]
rs6sfqh1rlu0fs1qlw5dhvcay3y5e0x
Leoncin
0
18326
582105
570608
2026-05-02T11:49:01Z
InternetArchiveBot
23657
Rescuing 0 sources and tagging 1 as dead.) #IABot (v2.0.9.5
582105
wikitext
text/x-wiki
{{Baile
| AINM = Leoncin
| LÙIREACH = POL gmina Leoncin COA.png
| LÙIREACH_LEUD = 100
| MAPA = Kampinos-kanal Zaborowski.jpg
| DÙTHAICH = [[Faidhle:Flag of Poland.svg|22px]] [[A' Phòlainn]]
| CEÀRN = [[Faidhle:POL województwo mazowieckie flag.svg|22px]] Mazowieckie
| SGÌRE = [[Faidhle:POL powiat nowodworski flag.svg|22px]] Nowodworski
| LEUD = 52° 23’ 36 Tuath
| ASTAIR = 20° 32′ 07 Ear
| FARSAINGEACHD =
| ÀIREAMH_SHLUAIGH = 5212
| BLIADHNA = 2010
| FÒN = + 48 22
| DUILLEAG = http://www.leoncin.pl/
}}
‘S e [[baile]] beag ann an cridhe [[A' Phòlainn|na Pòlainn]]<ref>[http://www2.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/cuspair/duthchannan/#Aifric SMO]</ref> a th’ ann '''Leoncin''' ([[IPA]]: lɛˈɔnt͡ɕin). Tha e suidhichte anns an sgìre ([[Pòlais]]: Powiat) Nowodworski, anns an roinn (Pòlais: Województwo) Mazowieckie eadar Nowy Wilków agus Wincencówek, faisg air an [[Abhainn]] Wisła.<ref>[http://turystyka.wp.pl/gid,9446958,title,kampinoski-park-narodowy,galeria_zdjecie.html Turasachd ann an Leoncin]{{Dead link|date=October 2022 |bot=InternetArchiveBot |fix-attempted=yes }}</ref> Tha am baile aig dìreach 70m os cionn ìre na [[Muir|mara]]<ref>[http://nona.net/features/map/placedetail.814844/Leoncin/ Nona]</ref> 178km air falbh bho [[Kraków]] agus 35km bho [[Warsaw]] prìomh-bhaile na [[Dùthaich|dùthcha]].<ref>[http://distancecalculator.globefeed.com/World_Distance_Calculator.asp Distance Calculator]</ref> Tha 5,212 daoine a’ fuireach ann an Leoncin.<ref>[https://web.archive.org/web/20110514010046/http://www.stat.gov.pl/cps/rde/xbcr/gus/PUBL_p_population_size_structure_30_06_2010.pdf Cunntas-sluaigh na Pòlainn]</ref>
==Daoine Ainmeil==
*[[Isaac Bashevis Singer]]: ([[1902]] – [[1991]]) Sgrìobhadair a bhuannaich an [[Duais Nobel]] ann an [[1978]].
== Iomraidhean ==
<references/>
== Ceanglaichean A-mach ==
*[http://www.mazovia.pl/ Riaghaltas na Roinne]
*[http://www.regioset.pl/gazeta.php?choice=1104 Riaghaltas na Sgìre]{{Dead link|date=May 2026 |bot=InternetArchiveBot |fix-attempted=yes }}
[[Roinn-seòrsa:A' Phòlainn]]
[[Roinn-seòrsa:Bailtean]]
[[Roinn-seòrsa:An Roinn-Eòrpa]]
1jfh2371x7sflsgptocco3k13v3mndr
Innis nan Damh
0
21759
582103
570512
2026-05-02T09:38:33Z
InternetArchiveBot
23657
Rescuing 0 sources and tagging 1 as dead.) #IABot (v2.0.9.5
582103
wikitext
text/x-wiki
{{Baile
| AINM = Innis nan Damh
| BRATACH =
| LÙIREACH =
| LÙIREACH_LEUD = 60
| DEALBH =
| GLACADH=
| MAPA = Inchnadamph.jpg
| DÙTHAICH = [[Alba]]
| CEÀRN = [[Cataibh]]
| SGÌRE = [[Asaint]]
| LEUD = 58° 9′ 0″ Tuath
| ASTAIR = 4° 58′ 48″ Iar
| COMHARRADH =NC 246 217
| FARSAINGEACHD =
| ÀIREAMH_SHLUAIGH =
| BLIADHNA =
| FÒN =
| DUILLEAG =
}}
'S e baile ann an [[Asaint]] a tha ann an '''Innis nan Damh'''. Tha e suidhichte air an rathad A837 eadar [[Ulapul]] agus [[Loch an Inbhir]] aig ceann Loch Asaint.
== Eachdraidh ==
[[Faidhle:Scotland Inchnadamph Bone Caves.jpg|thumb|Uamhan nan Cnàmhan]]
Faisg air Innis nan Damh tha Uamhan nan Cnàmhan ann (''Bone Caves'' sa Bheurla). Chaidh cnàmhan [[mathan|mathain]], [[sionnach|sionnaich]], [[Madadh-allaidh|madaidhean-allaidh]] is fiadh-Lochlannach a lorg. Lorgadh cnàmhan mathan-bàn cuideachd, na h-aon cnàmhan mathain-bhàn a chaidh a lorg ann an Alba gu ruige seo.<ref>McKenzie, Steven (2007) [http://news.bbc.co.uk/1/hi/scotland/highlands_and_islands/7279462.stm New tests on rare polar bear find"] (Beurla)</ref> Thathar den bheachd gu bheil iad mu 11.000 bliadhna a dh'aois no fiù 's nas sine na sin. Bho 2008 a-mach tha iad aig taigh Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba airson barrachd rannsachaidh. Lorgadh cnàmhan daonna cuideachd a tha cho sean ri trì mìle bliadhna [[RC]].
Tha tobhtaichean Caisteal na h-Àird Bhrice suidhichte faisg air a' bhaile air bruach Loch Asaint. Chaidh an caisteal a mhilleadh le stoirm làidir ann an 1795.
Tha seann eaglais na paraiste Asaint an seo, a chaidh a thogail ann an 1743. Ach ann an 1814 bha an togalach ann an droch staing, gun suidheachanan ach le uisge a bha a‘ tighinn tron mhullach. Bha seilbheadair oighreachd Chataibh ag iarraidh eaglais ùr a thogail ann an Loch an Inbhir, agus mar sin dhiùlt e a càradh airson greis. Mu dheireadh thall rinn iad obair bhunaiteach, ach gun a bhith a' leigeil a-mach air an eaglais airson a bhith mòr gu leòr do dh'àireamh-shluaigh na h- Asainte. Chaidh an eaglais ath-nuadhachadh gu tur ann an 1900 leis an ailtire William Joass à [[Inbhir Pheofharain]]. Bhon uair sin bha an eaglais na pàirt cudromach ann am beatha na coimhearsnach, gus an deach i a dhùnadh anns na 1970an. Dh’fhosgail i a-rithist ann 2003 an dèidh ath-nuadhachaidh mar togalach airson na coimhearsnachd. Tha cruinneachadh den eachdraidh ionadail is tasglann sloinntearachd ann an-diugh.<ref>[https://web.archive.org/web/20150923215106/http://www.discoverassynt.co.uk/viewdetails.php?id=48&rf=cat_137 Discover Assynt: Inchnadamph Old Parish Church] (Beurla)</ref> Faisg air an eaglais lorgadh pìosan de sheann chrois Cheilteach bhon àm eadar an 8mh is 11ad linn.
Bha taigh-seinnse ann bho 1736 a-mach, a chaidh ath-thogail timcheall air 1774, agus 's e sin an ''Inchnadamph Hotel'' an-diugh. A-measg dhaoine ainmeil eile bha [[Ben Peach]] agus [[John Horne]] a' fuireach an seo, nuair a rinn iad an obair cliùiteach air geòlas na Gàidhealtachd. <ref>[http://www.scottish-places.info/scotgaz/towns/townfirst2042.html Gazetteer for Scotland] (Beurla)</ref>
{| class="wikitable"
|-
! Bliadhna !! Àireamh-shluaigh
|-
| 1774 || 79
|-
| 1811 || 169
|-
| 1841 || 26
|-
| 1861 || 19
|-
| 1881 || 32
|}
Anns a' chlàr chithear crìonadh àireamh-shluaigh. Gu h-àraidh eadar 1812-1819, aig [[Fuadach nan Gàidheal|Àm nam Fuadaichean]] b' fheudar do 143 duine am baile fhàgail. <ref>[http://www.bbc.co.uk/history/domesday/dblock/GB-224000-921000/page/15 domesday] (Beurla) aig bbc.co.uk history</ref> Bha aimhreitean ann ann an 1883 an aghaidh ministeir ùir à [[Srath Nabhair]], air sgàth 's gun robh muinntir a' bhaile den bheachd gum biodh am ministear a' cur taic do phoileasaidh nam fuadaichean. Ach chaidh a' chuid a bu mhotha de na daoine ath-thuineachadh air a' chosta, gu ìre mhòr far a bheil [[Oighreachd Asaint a Tuath]] an-diugh.
<ref>[http://www.academia.edu/1330080/Land_crofting_and_the_Assynt_Crofters_Trust-A_post-colonial_geography MacPhail, I. (2002) Land, Crofting and The Assynt Crofters Trust: A Post-Colonial Geography?] Tràchdas PhD, td:54 (Beurla)</ref>
== Cruinn-eòlas ==
Tha mòran beanntan timcheall air Innis nan Damh, mar eisimpleir [[Cona Mheall (Asaint)|Cona Mheall]] a tha na [[Beinn Rothaich]].
Tha an sgìre ainmeil air sgàth am ''Moine Thrust'' a tha suidhichte faisg air a' bhaile. Mar sin bha agus tha an sgìre timcheall air Innis nan Damh ainmeil a-measg nan clach-eòlaichean. Bha an obair aig [[John Horne]] agus [[Ben Peach]] a' rèiteachadh an deasbaid fhada mu na cumaidhean geòlasach air a' Ghàidhealtachd. Chaidh clach-chuimhneachain a thogail ann an Innis nan Damh air a bheil na faclan: "''To Ben N Peach and John Horne who played the foremost part in unravelling the geological structure of the North West Highlands 1883-1897. An international tribute. Erected 1980.''"
Ann an 2009 chaidh Innis nan Damh a' sguabadh bhon liosta mar Tèarmann Nàdair Nàiseanta. Bha George Vestey, neach-seilbhe Innis nan Damh den bheachd nach robh dleastanasan a thaobh glèidhteachas nàdair a' dol leis na h-amasan aige, mar eisimpleir: [[fiadh|fèidh]] gu leòr a chumail airson sealg.<ref>[http://www.wildlifeextra.com/do/ecco.py/view_item?listid=1&listcatid=1&listitemid=5132&live=0#cr Inchnadamph delisted as a National Nature Reserve]{{Dead link|date=May 2026 |bot=InternetArchiveBot |fix-attempted=yes }} ann an ''Wildlife Extra'' (Beurla)</ref>
== Iomraidhean ==
<references/>
== Ceanglaichean a-mach ==
*[http://www.bgs.ac.uk/discoveringGeology/geologyOfBritain/secretGeology/theBoneCaves.html The Bone Caves] aig ''British Geological Survey'' (Beurla)
[[Roinn-seòrsa:Asaint]]
ps06mqf7j4nqmt7j8b0qqk7u362k8lp
Iain Moireach
0
22348
582102
581982
2026-05-02T09:15:07Z
InternetArchiveBot
23657
Rescuing 0 sources and tagging 1 as dead.) #IABot (v2.0.9.5
582102
wikitext
text/x-wiki
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
B' e sgrìobhadair, foghlamaiche agus craoladair Gàidhlig à [[Barabhas]], [[Leòdhas]] a bh' ann an '''Iain Moireach '''(1938-2018). Choisinn e cliù mar sgrìobhadair dràma agus sgeulachdan goirid gu sònraichte leis na sgeulachdan 'Briseadh na Cloiche', 'Feòil a' Gheamraidh' agus 'An Aghaidh Choimheach'. Thug e bliadhnaichean an sàs ann an obair foghlaim agus an craoladh cuideachd.<ref name=":1">{{Iomradh naidheachd|ainm=|sloinneadh=|ùghdar_eile=|ùghdaran_eile=|ceann-là=2018-11-18|tiotal=Iain Moireach, 1938 - 2018|obair=BBC Naidheachdan|foillsichear=|duilleagan=|cànan=Gàidhlig|ceann-là_inntrigidh=|url=https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/46252845|url_tasgaidh=https://web.archive.org/web/20181118163448/https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/46252845|ceann-là_tasgaidh=2018-11-18}}</ref>
== Beatha ==
Rugadh Iain Moireach ann am [[Barabhas]], [[Leòdhas|Eilean Leòdhais]] anns a' Mhàrt 1938.<ref name=":2">{{Iomradh lìon|ainm=|sloinneadh=BBC Radio nan Gàidheal|ceangal_ùghdair=BBC Radio nan Gaidheal|ùghdar_eile=|ùghdaran_eile=|ceann-là=2018-03-25|tiotal=Dà Sgeulachd bho Iain Moireach|url=https://www.bbc.co.uk/programmes/b09wg7sy|ceann-là_inntrigidh=2018-11-24|foillsichear=BBC Radio nan Gàidheal|duilleagan=|cànan=Gàidhlig|url_tasgaidh=https://web.archive.org/web/20180329094721/https://www.bbc.co.uk/programmes/b09wg7sy|ceann-là_tasgaidh=2018-03-29}}</ref> Bha e aithnichte leis an ainm Seonaidh Fhionnlaigh.<ref name=":2" />
B’ e [[Canèideanach]], ’s e ''Canadian veteran'', a bha na athair agus b’ e boireannach à Asainte a bha na mhàthair.<ref>{{Iomradh lìon|ainm=|sloinneadh=|ùghdar_eile=|ùghdaran_eile=|ceann-là=2010|tiotal=Thuige Seo: Iain Moireach|url=https://learngaelic.scot/watch/entertainment.jsp?v=thuige_seo_s2_iain_moireach|ceann-là_inntrigidh=2018-11-24|foillsichear=LearnGaelic.scot|duilleagan=|cànan=Gàidhlig}}</ref>
Fhuair e foghlam ann an [[Sgoil MhicNeacail]] agus aig [[Oilthigh Dhùn Èideann]].<ref name=":0">Dòmhnall Iain MacLeòid (deas). ''Dorcha tro Ghlainne: taghadh de sgeulachdan-goirid'' (Glaschu: Gairm, 1970) d. 125.</ref> Bha e a' teagaisg ann an sgoil ann am [[Baile nam Feusgan]].<ref>{{iomradh lìon | url = http://www.bbc.co.uk/programmes/b07gb07z | tiotal = 2/4 Seonaidh Fhionnlaigh - ùghdar, craoladair, neach-foghlaim. Sgeulachd beatha Iain Mhoirich | foillsichear = BBC | ceann-là_inntrigidh = 2017-01-18}}</ref> Bha e na fhear-deasachaidh aig [[Comann nan Leabhraichean]] bho 1969.<ref name=":0" /> Thuirt e gu tric gum b' e an saothair a bu thlachdmhor a rinn e an siud and deasachadh air ''Suathadh ri Iomadh Rubha'' leis a' [[Aonghas Caimbeul (Am Puilean)|Phuilean]].<ref>{{Iomradh lìon|ainm=Dr Fionnlagh|sloinneadh=MacLeòid|ceangal_ùghdair=An Dr Fionnlagh MacLeòid|ùghdar_eile=|ùghdaran_eile=|ceann-là=2018-11-20|tiotal=Remembering John Murray|url=http://welovestornoway.com/index.php/2014-07-15-15-43-3/here-to-help-you/obituaries/12059-remembering-john-murray|ceann-là_inntrigidh=2018-11-22|foillsichear=welovestornoway.com|duilleagan=|cànan=Beurla|url_tasgaidh=https://web.archive.org/web/20181122141531/http://welovestornoway.com/index.php/2014-07-15-15-43-3/here-to-help-you/obituaries/12059-remembering-john-murray|ceann-là_tasgaidh=2018-11-22}}</ref>
An uair sin, thill e a Leòdhas far an robh e an sàs bhon toiseach ann am Pròiseact Dà-Chànanach nan Eilean Siar.<ref name=":1" /> Agus an uairsin, mar iar-stiùiriche foghlam aig [[Comhairle nan Eilean Siar]], bha e na mheadhan air iomadh rud a chur air adhart, bhon chompanaidh foillseachaidh [[Acair Earranta|Acair]] gu Cinema Sgìre.<ref name=":1" />
Leis an Dr Fionnlaigh MacLeòid, rinn e iomairt gus companaidh foillseachaidh a chur air chois a chuireadh taic ri Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. B' e Acair a bh' ann le Moireach mar fear de na prìomh stiùirichean.
== Sgrìobhadh ==
Sgrìobh Moireach bàrdachd, dealbhan-cluiche agus sgeulachdan goirid. Thuirt e fhèin nach robh roghainn aige ach na h-ìomhaighean a bhiodh a' tighinn thuige a chur air pàipeir.<ref name=":1" /> Nochd iomadh sgeulachd aige anns na h-irisean [[Gairm]] agus [[Gath (iris)|Gath]]. Chaidh cruinneachaidhean den sgrìobhaidhean fhoillseachadh cuideachd. Nuair a chaidh faighneachd do [[Somhairle MacGill-Eain|Shomhairle MacGill-Èain]] beagan bhliadhnaichean mus do chaochail e cò na sgrìobhadairean Gàidhlig dhan robh spèis aige, b' e Iain Moireach a' chiad fhear a dh'ainmich e.<ref name=":1" />
Sgrìobh Moireach an sgeulachd 'An Tuiteamas' nuair a bha tòrr bruidhinn mu dhaoine a bhith a' siubhal chun na gealaich agus chruthaich e an sgeulachd timcheall air neach-fànais a' tighinn gu talamh.<ref name=":2" />
== Leabhar-chlàr ==
=== Rosg ===
* ''An rathad dhachaigh'' (Steòrnabhagh: Acair, 1994)
=== Sgeulachdan goirid ===
* 'An Aghaidh Choimheach'
*'Am Bucas'
* 'Am Pàrtaidh'
* '[https://web.archive.org/web/20160305040155/http://www.ansgeulachdghoirid.co.uk/stories.aspx?ID=5 Briseadh na Cloiche]'
* 'Dà mhionad, no Fracas'
* 'An Dealachadh'
*[https://web.archive.org/web/20160305035356/http://www.ansgeulachdghoirid.co.uk/stories.aspx?ID=4 'Feòil a' Gheamhraidh']
* 'Mo Chrannchur'
*'An Tuiteamas'
=== Dealbhan-chluiche ===
* ''Snìomh nan dual'' (Steòrnabhagh: Acair, 2007) cruinneachadh:
**Feumaidh sinne bhith gàireachdainn
**Balaich a' chruidh
**An coigreach
**Rèiteach
**An treas fàd
=== Deasachadh ===
* Caimbeul, Aonghas. ''Suathadh ri iomadh rubha: eachdraidh a bheatha,'' deasaichte le Iain Moireach (Glaschu: Gairm, 1973)
== Tùsan mu a dheidhinn ==
* [https://web.archive.org/web/20220815070749/https://learngaelic.scot/watch/entertainment.jsp?v=thuige_seo_s2_iain_moireach Thuige Seo] Iain Moireach a’ còmhradh ri Dòmhnall Moireasdan. Earrann air LearnGaelic.com
* [https://www.bbc.co.uk/programmes/b09wg7sy Dà Sgeulachdan le Iain Moireach], Iain Moireach a' leughadh 'An Tuiteamas' agus 'Mo Chrannchur'. Radio nan Gàidheal. Ciad chraoladh 25 Màrt 2018
* [https://www.bbc.co.uk/programmes/m00017fs A' Cuimhneachadh Iain Moireach], taghadh bho thasglann a’ phrògram, is cuid de na còmhraidhean a bh' aig Iain le Coinneach MacÌomhair, Radio nan Gàidheal 22 Samhain 2018
* MacPherson, Iain S. (2012) "Briseadh na Cloiche air Oir an Fhàsaich: Iain Moireach agus Albert Camus" ann an ''Sùil air an t-Saoghal'' (Brig o’ Turk, Perthshire: Clann Tuirc), dd. 115-130.
== Iomraidhean ==
<references />
== Ceanglaichean a-mach ==
*[https://www.tobarandualchais.co.uk/person/439?l=gd Iain Moireach]{{Dead link|date=May 2026 |bot=InternetArchiveBot |fix-attempted=yes }} air Tobar an Dualchais
*[https://web.archive.org/web/20161003032501/http://ansgeulachdghoirid.co.uk/ An Sgeulachd Ghoirid] – le dà sgeulachd le Iain Moireach, air an leughadh
**[https://web.archive.org/web/20160305035356/http://www.ansgeulachdghoirid.co.uk/stories.aspx?ID=4 Feòil a’ Gheamhraidh]
**[http://www.ansgeulachdghoirid.co.uk/stories.aspx?ID=5 Briseadh na Cloiche]
* [https://www.foghlamgaidhlig.com/e-storas/litearrachd-agus-gaidhlig/an-sgeulachd-ghoirid/ FoghlamGaidhlig: An Sgeulachd Ghoirid] – le dà sgeulach le Iain Moireach, air an leughadh
** [https://www.foghlamgaidhlig.com/e-storas/litearrachd-agus-gaidhlig/an-sgeulachd-ghoirid/briseadh-na-cloiche/ Briseadh na Cloiche]
** [https://www.foghlamgaidhlig.com/e-storas/litearrachd-agus-gaidhlig/an-sgeulachd-ghoirid/an-aghaidh-choimheach/ An Aghaidh Choimheach]
* [https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/46252845 BBC Naidheachdan 2018-11-18: Iain Moireach, 1938-2018]
* [https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/46256224 BBC Naidheachdan 2018-11-18: Iain Moireach, 1938-2018] ''(aithris bhideo 3:21)''
{{Smachd ùghdarrais}}
[[Roinn-seòrsa:Bàird Ghàidhlig]]
[[Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean Gàidhlig]]
[[Roinn-seòrsa:Daoine à Alba|Moireach, Iain]]
r8jrqzm7hkete78ypctoyyqzjcxi8ga
Cleachdaiche:YylecaksberriSchool
2
41681
582100
2026-05-01T17:40:45Z
YylecaksberriSchool
32162
Chaidh duilleag le "Haidh." a chruthachadh
582100
wikitext
text/x-wiki
Haidh.
q5zjin950ktvfsowiwnbc494hbix7qk