Uicipeid
gdwiki
https://gd.wikipedia.org/wiki/Pr%C3%AComh-Dhuilleag
MediaWiki 1.46.0-wmf.26
first-letter
Meadhan
Sònraichte
Deasbaireachd
Cleachdaiche
Deasbaireachd a' chleachdaiche
Uicipeid
An deasbaireachd aig Uicipeid
Faidhle
Deasbaireachd an fhaidhle
MediaWiki
Deasbaireachd MediaWiki
Teamplaid
Deasbaireachd na teamplaid
Cobhair
Deasbaireachd na cobharach
Roinn-seòrsa
Deasbaireachd na roinn-seòrsa
TimedText
TimedText talk
Mòideal
Deasbaireachd mòideil
Event
Event talk
3 an Cèitean
0
5797
582111
521635
2026-05-03T10:19:59Z
Comhachag-bheag
10899
582111
wikitext
text/x-wiki
{{An Cèitean}}
'S e '''3 an Cèitean''' an 123mh latha dhen [[Bliadhna|bhliadhna]] a rèir a' [[Am Mìosachan Griogarach|Mhìosachain Ghriogaraich]] (124mh ann am [[bliadhna-leum]]). Tha 242 latha air fhàgail gus deireadh na bliadhna.
== Tachartasan ==
[[Faidhle:Anne Frank House 01.JPG|thumb|150px|Taigh [[Anne Frank]]]]
* [[1715]] - Dubhradh na [[grian|grèine]] air fad.
* [[1802]] - Inbhe [[cathair|cathrach]] do [[Washington, D.C.]].
* [[1921]] - Chaidh [[Èirinn]] a roinn ann an [[Èirinn a Tuath]] agus Èirinn a Deas.
* [[1960]] - Chaidh taigh-tasgaidh ''[[Anne Frank|Taigh Anne Frank]]'' fhosgladh ann am [[Amsterdam]].
* [[2007]] - [[Taghadh Albannach 2007|Taghadh Albannach]]
== Breithean ==
* [[1933]] - [[James Brown]], ann am Barnwell [[South Carolina]]. Ceòladair às na [[Stàitean Aonaichte]].
== Bàsan ==
* [[1758]] - [[Pàpa Beinidict XIV]]
* [[1891]] - [[Manuel María Ramírez Fortoul]], ann am [[Bogotá]]. Fear-poileataigs à Coloimbia.
* [[2008]] - [[Leopoldo Calvo-Sotelo y Bustelo]], ann am [[Madrid]]. Fear-[[poileataigs]] às [[an Spàinn]].
== Fèillean ==
== Cultar ==
[[Faidhle:El Tres de Mayo, by Francisco de Goya, from Prado thin black margin.jpg|thumb|''An treasa dhen Chèitean 1808'' le [[Francisco Goya|Goya]]]]
'S e ''An treasa dhen Chèitean 1808'' (''El tres de mayo de 1808 en Madrid'' no ''Los fusilamientos de la montaña del Príncipe Pío'') an t-ainm a tha air dealbh ainmeil le [[Francisco Goya]].
[[Roinn-seòrsa:Làithean]]
al4saqqxt8yjqyrgfcb3yvl2s0gp0zp
Uppsala
0
19708
582109
576812
2026-05-03T01:00:48Z
InternetArchiveBot
23657
Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.5
582109
wikitext
text/x-wiki
{{Baile
| AINM = Uppsala
| BRATACH = Vlag ontbreekt.svg
| LÙIREACH = Uppsala vapen.svg
| LÙIREACH_LEUD = 80
| MAPA = Uppsala Municipality in Uppsala County.png
| DEALBH = Uppsala.jpg
| DÙTHAICH = [[Faidhle:Flag of Sweden.svg|22px]] [[An t-Suain]]
| CEÀRN = [[Faidhle:Uppland vapen.svg |18px]] Uppland
| SGÌRE = [[Faidhle:Uppland vapen.svg |18px]] [[Uppsala län]]
| LEUD = 49° 51 00' Tuath
| ASTAIR = 17° 38 00' Iar
| FARSAINGEACHD = 48.77
| ÀIREAMH_SHLUAIGH = 140454
| BLIADHNA = 2010
| FÒN = + 46 018
| DUILLEAG = http://www.uppsala.se/
}}
'S e [[baile]] mòr an am meadhan [[An t-Suain|na Suaine]] a th' ann an '''Uppsala''' ([[IPA]]: /ˈɵpːˌsɑːla/). The suidhichte ri taobh [[Abhainn|na h-aibhne]] Fyrisån, aig dìreach 10m os cionn ìre na [[Muir|mara]],<ref>[https://web.archive.org/web/20111130072251/http://population.mongabay.com/population/sweden/2666199/uppsala Mongabay]</ref> anns an roinn Uppland,<ref>[https://web.archive.org/web/20130106031428/http://www.ne.se/uppsala/336294 Nationalencyklopedin]</ref> 403km air falbh bho [[Göteborg|Ghöteborg]], 513km bho [[Helsingborg]], 546km bho [[Malmö|Mhalmö]], 696km bho [[Boden|bhoden]] agus 61km bho [[Stockholm]], prìomh-bhaile na [[Dùthaich|dùthcha]].<ref>[http://distancecalculator.globefeed.com/World_Distance_Calculator.asp Distance Calculator]</ref> Chaidh am baile a stèidheachadh anns an [[13mh Linn]] agus chaidh Oilthigh a chur air bhog an seo ann an [[1477]]. Tha 140,454 duine a' fuireach anns a' bhaile,<ref>[http://www.scb.se/Pages/ProductTables____13001.aspx Cunntas-sluaigh na Dùthcha]</ref> an 4mh baile as motha na dùthcha.<ref>[http://world-gazetteer.com/wg.php?x=&men=gcis&lng=en&des=wg&geo=-4&srt=pnan&col=abcdefghinoq&msz=1500&geo=-189 Bailtean na Cruinne]{{Dead link|date=October 2022 |bot=InternetArchiveBot |fix-attempted=yes }}</ref>
== Freumhan an ainm ==
Tha e coltach gur ann à dà fhacal ann an [[Seann-Lochlannais]]: ''up'' ([[suas]]/àrd) agus ''salla'' (talla) a tha an t-ainm.<ref>[https://runeberg.org/svetym/1154.html Runeberg]</ref> Bheireadh sin ''An Talla Àrd'' dhuinn sa [[Gàidhlig|Ghàidhlig]] air neo ''Uphall'' [[A' Bheurla Ghallda|sa Bheurla Ghallda]] an latha an-diugh. 'S e co-dhàimh leis A' Bheurla Ghallda ''up'' a th' ann an ''upp'' agus leis [[Gàidhlig|a' Ghàidhlig]] ''talla'' a th' ann an ''salla''.<ref>Mats Wahlberg, ([[2003]]). Svenskt ortnamnslexikon, Uppsala: Institutet för språk och folkminnen, ISBN 91-7229-020-X</ref> B' e ''Östra Aros'' (Àros an Ear) a chanadh ris roimhe.
==Eachdraidh==
Chaidh [[Oilthigh Saidheansail an Àiteachais]] a stèidheachadh ann an [[1977]] le campas ann an Uppsala fhèin, [[Alnarp]], [[Skara]] agus [[Umeå]].<ref>[https://studyinsweden.se/university/slu-swedish-university-of-agricultural-sciences/ Study in Sweden]</ref> Thogadh [[Dag Hammarskjöld]], [[Riochdaire dioplòmasach]] agus ceannard nan [[Na Dùthchannan Aonaichte|Dùthchannan Aonaichte]] bho [[1953]] gu ruige [[1961]], ann an caisteal faisg air Uppsala.
== Daoine ainmeil ==
*[[Anders Celsius]]: ([[1701]] – [[1744]]) Matamataigear.
*[[Anna Maria Lenngren]]: ([[1754]] – [[1817]]) Sgrìobhadair.
*[[Svante Arrhenius]]: ([[1859]] – [[1927]]), [[Ceimigear]].
*[[Nathan Söderblom]]: ([[1866]] – [[1931]]), [[Easbaig]] agus [[neach-poileataigs]].
*[[Alva Myrdal]]: ([[1902]] – [[1986]]), [[Eòlas-comainn|Eòlaiche-comainn]] agus tè-poileataigs.
*[[Ingmar Bergman]]: ([[1918]] – [[2007]]): Rìochdadair [[film|fiolmaichean]].
*[[Arvid Carlsson]] ([[1923]]): Bèo-eòlaiche eanchainn.
*[[Torsten Wiesel]] ([[1924]]): Bèo-eòlaiche eanchainn.
*[[Hans Blix]]: ([[1928]]) Rìochdadair Dioplòmasach.
== Bailtean co-cheangailte ==
*[[Faidhle:Flag of Norway.svg|22px]] [[Bærum]]<ref>[http://www.baerum.kommune.no Bærum Kommune]</ref>
* [[Faidhle:Flag of Romania.svg|22px]] [[Craiova]]
*[[Faidhle:Flag of South Korea.svg|22px]] [[Daejeon]]<ref>[http://www.daejeon.go.kr 대전광역시]</ref>
*[[Faidhle:Flag of Denmark.svg|22px]] [[Frederiksburg]]<ref>[http://www.frederiksburg.dk Frederiksburg Kommune]{{Dead link|date=October 2022 |bot=InternetArchiveBot |fix-attempted=yes }}</ref>
*[[Faidhle:Flag of Iceland.svg|22px]] [[Hafnarfjörður]]<ref>[http://www.hafnarfjordur.is/ Hafnarfjörðarkaupstaður]</ref>
*[[Faidhle:Flag of Finland.svg|22px]] [[Hämeenlinna]]<ref>[http://www.hameenlinna.fi Hämeenlinna]</ref>
*[[Faidhle:Flag of the United States.svg|22px]] [[Minneapolis, Minnesota|Minneapolis]]<ref>[http://www.minneapolismn.gov/ City of Minneapolis]</ref> ([[Minnesota]])
*[[Faidhle:Flag of Estonia.svg|22px]] [[Tartu]]<ref>[http://www.tartu.ee Tartu]</ref>
== Ceanglaichean a-mach ==
*[https://web.archive.org/web/20090228194130/http://www.lul.se/ Riaghaltas na Sgìre]
*[https://web.archive.org/web/20040209061551/http://www.sverigeturism.se/smorgasbord/smorgasbord/provincial/uppland/ Turasachd na Roinne]
== Iomraidhean ==
<references/>
{{Commonscat|Uppsala}}
[[Roinn-seòrsa:Bailtean]]
[[Roinn-seòrsa:Bailtean anns an t-Suain]]
[[Roinn-seòrsa:An t-Suain]]
5kf3xawjsuthcj958ms054xpq8g8asc
Tulach Mhór
0
20605
582108
571484
2026-05-03T00:35:37Z
InternetArchiveBot
23657
Rescuing 0 sources and tagging 1 as dead.) #IABot (v2.0.9.5
582108
wikitext
text/x-wiki
{{Baile
| AINM = Tulach Mhór
| BRATACH= Tullamoreflag.svg
| LÙIREACH = Tullamore Coat of Arms.svg
| LÙIREACH_LEUD = 70
| MAPA = Grand Canal at Bury Quai Tullamore Co. Offaly - geograph.org.uk - 1365144.jpg
| DÙTHAICH = [[Faidhle:Flag of Ireland.svg|22px]] [[Èirinn]]
| CEÀRN = [[Faidhle:Flag of leinster.png|22px]] [[Cúige Laighean]]
| SGÌRE = [[Faidhle:Offaly crest.svg|18px]] [[Contae Uíbh Fhailí]]
| LEUD = 53° 17 00' Tuath
| ASTAIR = 07° 29 00' Iar
| FARSAINGEACHD =
| ÀIREAMH_SHLUAIGH = 11346
| BLIADHNA = 2006
| FÒN = + 353 (00) 57
| DUILLEAG = [http://www.offaly.ie/ Comhairle Chontae Uíbh Fhailí]
}}
‘S e [[baile]] meadhanach ann an [[Contae Uíbh Fhailí]], ann an cridhe [[Èirinn|na h-Èireann]] a th’ ann an '''Tulach Mhór'''.<ref>[http://www.logainm.ie/42316.aspx Logainm]</ref> Tha e suidhichte ri taobh a’ Chanàil Mhòir, aig 73m os cionn ìre na mara, 104km air falbh bho [[Gaillimh|Ghaillimh]], 178m bho [[Beul-Feirste|Bheul-Feirste]] agus 83km bho [[Baile Átha Cliath|Bhaile Átha Cliath]], prìomh-bhaile na [[Dùthaich|dùthcha]].<ref>[http://distancecalculator.globefeed.com/World_Distance_Calculator.asp Distance Calculator]</ref> Tha 11,346 duine a’ fuireach anns a’ bhaile. Bha Cath an seo eadar Feachdan [[Sasainn|Shasainn]] agus [saighdearan às [[A’ Ghearmailt]] ri linn [[Ar-a-mach na Frainge]] agus Ar-a-mach Comann nan Èireannach Aonaichte ([[Gaeilge]]: Cumann na nÉireannach Aontaithe), ann an [[1798]].<ref>[https://web.archive.org/web/20121220095929/http://www.offalyhistory.com/articles/73/1/The-Battle-of-Tullamore/Page1.html Offaly History]</ref> Chaidh am baile a mhilleadh ann an tubaiste bailiùin 13 bliadhna ro làimhe, ann an [[1785]], a’ chiad tubaiste adhair na cruinne.<ref>[https://web.archive.org/web/20120326081536/https://www.offalyhistory.com/articles/72/1/The-Tullamore-Balloon-Fire---First-Air-Disaster-in-History/Page1.html Offaly History]</ref>
==Daoine ainmeil==
*[[Garbhan MacAoidh]] (1929): Sgrìobhadair sa' Ghàidhlig is san Esperanto.
*[[Brian Cowen|Brian Ó Comhain]] ([[1960]]): [[Taoiseach]] bho [[2008]] gu ruige [[2011]].
==Ceanglaichean a-mach==
*[http://www.tullamoreparish.ie// Eaglais Chaitligeach]{{Dead link|date=May 2026 |bot=InternetArchiveBot |fix-attempted=yes }}
==Iomraidhean==
<references/>
{{Smachd ùghdarrais}}
[[Roinn-seòrsa:Bailtean na h-Èireann]]
[[Roinn-seòrsa:Poblachd na h-Èireann]]
605d367a92b7i83clh41f1wibrdrp9t
Yfke Sturm
0
21613
582110
537606
2026-05-03T02:17:48Z
InternetArchiveBot
23657
Rescuing 0 sources and tagging 1 as dead.) #IABot (v2.0.9.5
582110
wikitext
text/x-wiki
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
'S e modal às [[Na Tìrean Ìsle]] a th’ ann an '''Yfke Sturm''' ([[Almere]], [[19 an t-Sultain]] [[1981]]).<ref>[http://www.fashionmodeldirectory.com/models/yfke_sturm/ Fashion Model Directory]</ref> Chaidh i a lorg ann an Almere fhèin ann an [[1997]], nuair a bha i dìreach 15 [[bliadhna]] a dh'aois. Bhuannaich ise farpais nam Modal air a bheil Elite Model Look Contest, ann an [[Nice]] san aon bhliadhna. Fhuair i cùmhnantan bho Ralph Lauren agus Calvin Klein. Leig i dheth a dreuchd mar phreasantair air a' phrògram Holland’s Next Top Model ann an [[2007]] do [[Daphne Deckers]].
==Ceanglaichean A-mach==
* [http://www.yfke.tv/ Yfke Sturm]{{Dead link|date=May 2026 |bot=InternetArchiveBot |fix-attempted=yes }}
==Iomraidhean==
<references/>
[[Roinn-seòrsa:Daoine às na Tìrean Ìsle|Sturm, Yfke]]
mf3dyt5bqi89h8vfad29dh5pyugi2jn
Uicipeid:San latha an-diugh/3 dhen Chèitean
4
34992
582112
511386
2026-05-03T10:21:10Z
Comhachag-bheag
10899
582112
wikitext
text/x-wiki
[[Faidhle:Anne Frank House 01.JPG|thumb|100px|Taigh Anne Frank]]
'S e [[3 an Cèitean]] an 123mh latha dhen bhliadhna (124mh ann am bliadhna-leum).
* [[1758]] – Chaochail [[Pàpa Beinidict XIV]].
* [[1802]] – Inbhe cathrach do [[Washington, D.C.]].
* [[1891]] – Chaochail [[Manuel María Ramírez Fortoul]], fear-poileataigs à Coloimbia.
* [[1921]] – Chaidh [[Èirinn]] a roinn ann an [[Èirinn a Tuath]] agus Èirinn a Deas.
* [[1960]] – Chaidh taigh-tasgaidh ''[[Anne Frank|Taigh Anne Frank]]'' fhosgladh ann am Amsterdam.
* [[2008]] – Chaochail [[Leopoldo Calvo-Sotelo y Bustelo]], fear-poileataigs às an Spàinn.
izcgzmu6a3zexh4abyd44b8ikxdmsst
Sgoil Mhalairt Innise Tìle
0
38769
582107
553413
2026-05-02T22:05:31Z
InternetArchiveBot
23657
Rescuing 0 sources and tagging 1 as dead.) #IABot (v2.0.9.5
582107
wikitext
text/x-wiki
{{Oilthigh
|ainm="Verzlunarskóli Íslands"
|dealbh=
|suaicheantas= Þekking, virðing, frumkvæðiog farsæld
|stèidhichte=[[1905]]
|suidheachadh=[[Reykjavík]], [[Innis Tìle]]
|oileanaich=950 ([[2015]])
|làrach-lìn=https://www.verslo.is/
}}
'S e [[colaiste]] phrìobhaideach<ref>[https://www.vb.is/frettir/verslo-skilar-40-milljona-hagnadi/103919/?q=Verzl%C3%B3 VB]</ref> fo cheum suidhichte ann an [[Reykjavík]] ann an [[Innis Tìle]] 's a th' ann an '''Sgoil Mhalairt Innise Tìle''' ([[Innis-Tìlis]]: ''Verzlunarskóli Íslands'', [[ainm]] goirid: ''Verzló'').<ref>[https://mms.is/listi-yfir-skola Minjastofnun Íslands]{{Dead link|date=May 2026 |bot=InternetArchiveBot |fix-attempted=yes }}</ref>
===Eachdraidh===
Chaidh an sgoil a stèidheachadh ann an [[1905]] leis an [[aonadh-ciùird]] [[Verslunarmannafélag|Comann Luchd-malairt Reykjavik]] agus Comann Copenhagen Reykjavik.<ref>[https://mms.is/sites/mms.is/files/utt_verslunarsk_isl_2014_6.pdf MMS]</ref> As t-samhradh [[1922]], ghabh Comhairle Malairt Innise Tìle thairis rianachd na sgoile, agus bhon uairsin tha i air a bhith fo stiùir na sgoile. Cheumnaich oileanaich na sgoile an toiseach ann an [[1945]], ach thug am prògram fo-cheumnach an fheadhainn a bha air ceum gnìomhachais a dhèanamh dà bhliadhna. Bha sia clasaichean aig an sgoil bho [[1944]] – [[1970]], ach ann an [[1971]] chaidh an dà ìre as ìsle a leigeil sìos agus an àite sin chlàraich oileanaich san sgoil le dioplòma nàiseanta no sgoil èigneachail, agus às deidh [[1974]] foghlam èigneachail co-òrdanaichte.
===Prògram===
Ged a tha i suidhichte ann an Reykjavík, 's e Innis Tìle gu lèir 's a tha i a' frithealadh agus tha còrr air mìle oileanach ann. Tha e air a eagrachadh a rèir siostam foirm, leis an aon chlàr-ama aig a h-uile oileanach den aon fhoirm. Tha oileanaich san sgoil làn-ùine eadar 8:15m agus 15:40f Diluain gu Dihaoine. Tha bliadhna na sgoile a' toirt a-steach dà shemeastar, foghar agus earrach. Gach semeastar, bidh oileanaich a' gabhail cùrsa làn-ùine luach dà no trì chreideasan gach fear. Thar trì bliadhna, bithear a' toirt còrr air 140 creideas gu h-iomlan agus a' faighinn teisteanas ann an Innis Tìle, a tha riatanach airson faighinn a-steach don oilthigh ann an Innis Tìle. Thathas a' gabhail ris an teisteanas seo cuideachd airson faighinn a-steach do dh' [[oilthigh|oilthighean]] air feadh an t-saoghail.
Anns a' chiad bhliadhna, bidh a h-uile oileanach a' leantainn prògram cumanta. Bithear an uairsin a' speisealachadh ann an aon de na ceithir raointean a leanas: [[malairt]], [[saidheans]], saidheansan sòisealta no [[cànan|cànanan]]. Ach, anns gach raon anns a' chiad dà bhliadhna, tha am fòcas air cùrsaichean gnìomhachais practaigeach, leithid cunntasachd, eaconamas agus coimpiutearachd. Bidh na cùrsaichean seo airidh air oileanaich airson an dioplòma gnìomhachais ([[Innis-Tìlis]]: "Verzlunarpróf") aig deireadh an dàrna bhliadhna. A thaobh aois agus ìre acadaimigeach nan oileanach, tha an dioplòma gnìomhachais a' toirt iomradh timcheall air na h-ìrean san [[Rìoghachd Aonaichte]] agus air teisteanas an àrd-sgoil anns [[na Stàitean Aonaichte]].
Anns an dà bhliadhna a tha air fhàgail den phrògram ceithir-bliadhna aca, bidh oileanaich a' dèanamh an deuchainn clàraidh. Faodar beachdachadh air an dà bhliadhna sin mar dà bhliadhna de sgrùdadh aig colaisde oilthigh, mar eisimpleir co-ionann ri dà bhliadhna de chùrsaichean bunaiteach aig ìre oilthigh aig colaiste Ameireagaidh.
===VÍ an aghaidh MR===
Aon latha san [[Dàmhair]] gach bliadhna, bidh oileanaich Verzló agus an sgoil cho-fharpaiseach aca MR ([[Menntaskólinn í Reykjavík]]) a' coinneachadh fo làmhan a chèile anns a' phàirc “Hljómskálagarður”, air iomall Reykjavik, far am bi iad a' dèanamh diofar gheamannan agus ghnìomhachd farpais. Tha iad sin a' toirt a-steach: rèisidh astair, ball-coise, iomradh, iomradh tàileisg mòire (an uairsin tàileasg traidiseanta), sgreuchail, cluich ròpa, farpaisean ithe, lìonadh chàraichean le iomadh daoine, agus rud air a bheil Corrida Mexicana. 'S e gu bheil co-spàirn mhòr ann eadar an dà sgoil air sgàth 's gu bheil Menntaskólinn í Reykjavík a' dèanamh fòcas air cuspairean gu math acadaimigeach agus a cuid oileanaich airson a dhol dhan oilthigh, fhad 's a tha cùrsaichean Verzló rud beag nas pragtaigiche. Tha diofar nan clasaichean sòisealta an lùib cuideachd.
==Seann Oileanaich==
*[[Jóhanna Sigurðardóttir]]
*[[Þorsteinn Pálsson]]
==Àiteachan==
Tha an sgoil air a bhith ag obair ann an sia àiteachan ann an Reykjavik:
*Mjóstræti 3 (1905 - [[1906]])<ref>[https://mms.is/sites/mms.is/files/utt_verslunarsk_isl_2014_6.pdf MMS]</ref>
*Melsteðhusus aig Lækjartorg (1906 - [[1907]])
*Hafnarstræti 19 (1907 - [[1912]])
*Vesturgata 10 (1912 – [[1931]]
*Grundarstígur 24 (1931 – [[1986]])
*Ofanleiti 1 (1986 air adhart)
=== Ceannardan na Sgoile ===
* 1905–1915: Ólafur G. Eyjólfsson<ref>[https://www.mbl.is/greinasafn/grein/1601095/ Morgunblaðið]</ref>
* 1915–1917: Jón Sívertsen
* 1917–1918: Helgi Jónsson
* 1918–1931: Jón Sívertsen
* 1931–1953: Vilhjálmur Þ. Gíslason
* 1953–1979: Jón Gíslason
* 1979–1990: Þorvarður Elíasson
* 1990–1991: Valdimar Hergeirsson
* 1991–2005: Þorvarður Elíasson
* 2005–2007: Sölvi Sveinsson
* 2007–: Ingi Ólafsson<ref>[https://www.mbl.is/vidskipti/ff2019/fyrirtaeki/3067/ Morgunblaðið]</ref>
== Iomraidhean ==
<references/>
==Ceanglaichean a-muigh==
*[https://www.verslo.is/ Verzlunarskóli Íslands]
{{DEFAULTSORT:Innise Tìle, Sgoil Mhalairt}}
[[Roinn-seòrsa:Foghlam]]
[[Roinn-seòrsa:Innis Tìle]]
ni3qlwru3ikqc68go4skq5nkaxx10g7
Menntaskólinn í Reykjavík
0
38770
582106
576616
2026-05-02T15:03:45Z
InternetArchiveBot
23657
Rescuing 0 sources and tagging 1 as dead.) #IABot (v2.0.9.5
582106
wikitext
text/x-wiki
{{Oilthigh
|ainm=Menntaskólinn í Reykjavík
|dealbh=Menntaskólinn_í_Reykjavík_(main_building,_2004).jpg
|suaicheantas= Faðir andanna
|stèidhichte=[[1846]] ([[1056]])
|suidheachadh=[[Reykjavík]], [[Innis Tìle]]
|oileanaich=667 (2019-2020)
|làrach-lìn=https://mr.is/
}}
'S e [[Acadamh]] (Gymnasium) fo cheum suidhichte ann an [[Reykjavík]] ann an [[Innis Tìle]] 's a th' ann an '''Menntaskólinn í Reykjavík''' ([[Gàidhlig]]: ''An Acadamaidh ann an Reykjavík'', [[ainm]] goirid: ''MR'', [[Laideann]]: ''Schola Reykjavicensis/Schola Reykjavicana'').<ref>[https://mms.is/listi-yfir-skola Menntamálastofnun]{{Dead link|date=May 2026 |bot=InternetArchiveBot |fix-attempted=yes }}</ref> 'S ann aig MR far am faigh na daoine as beartaiche is as cumhachdaile na [[Dùthaich|dùthcha]] an cuid foghlam sgoile, iomadh [[Prìomh-mhinistear Innise Tìle|prìomh-mhinistear]] agus dithis Duais Nobel nam measg.
===Eachdraidh===
'S e Menntaskólinn í Reykjavík (MR) a' Cholaiste (Gymnasium) as sine ann an Reykjavík, Innis Tìle. Thòisich an sgoil ann an [[1056]], nuair a chaidh a stèidheachadh ann an Skálholt agus tha i fhathast mar aon de na h-ionadan as sine ann an Innis Tìle. B' ann ann an Hólar 's a tha i bho Hólar bho [[1784]] gu ruige [[1805]], nuair a ghluais i gu Reykjavik, ach dh' adhbhraich droch shuidheachadh an stèidheachaidh gluasad ùr gu Bessastaðir, faisg air Reykjavik. Ann an 1846 ghluais e mu dheireadh chun àite far a bheil e an-dràsta ann an Reykjavik fhèin.<ref>[https://structurae.net/en/structures/menntaskolinn-i-reykjavik-gamli-skoli Structurae]</ref> B' e seo an togalach as motha san dùthaich aig an àm agus chithear e air tiogaidean 500 crùn Innis Tìle. Chaidh a chleachdadh an toiseach nuair a thòisich [[Alþingi]] a' coinneachadh a-rithist ann an Reykjavik às deidh beagan bhliadhnaichean agus seo far an do dh' innis ceannard na neo-eisimeileachd [[Jon Sigurdsson]] don neach-aithris an abairt ainmeil aige «Vér mótmælum allir».<ref>[https://www.althingi.is/altext/59/r_txt/1063.txt Alþingi]</ref>
B' e « Lærði skólinn »(Sgoil Teagaisg),« Latínuskólinn » (Sgoil Laidinn) a bh' air an sgoil roimhe seo, agus leis an ainm Laideann “Reykjavicensis Schola”. Cha d'fhuair i an t-ainm a th' air an-dràsta ach ann an [[1937]]. Bidh an sgoil a' tabhann ceithir bliadhna de chùrsaichean ionnsachaidh agus mar as trice bidh na daoine a' crìochnachadh leis an tiotal ''Stúdentspróf'', a tha a' toirt còir don oileanach ceumnaiche nochdadh air liosta de dh'oilthighean na dùthcha.
===MR an aghaidh VÍ===
Aon latha san [[Dàmhair]] gach bliadhna, bidh oileanaich MR agus an sgoil cho-fharpaiseach aca Verzló ([[Sgoil Mhalairt Innise Tìle]]) a' coinneachadh fo làmhan a chèile anns a' phàirc “Hljómskálagarður”, air iomall Reykjavik, far am bi iad a' dèanamh diofar gheamannan agus ghnìomhachd farpais. Tha iad sin a' toirt a-steach: rèisidh astair, ball-coise, iomradh, iomradh tàileisg mòire (an uairsin tàileasg traidiseanta), sgreuchail, cluich ròpa, farpaisean ithe, lìonadh chàraichean le iomadh daoine, agus rud air a bheil Corrida Mexicana. 'S e gu bheil co-spàirn mhòr ann eadar an dà sgoil air sgàth 's gu bheil Menntaskólinn í Reykjavík a' dèanamh fòcas air cuspairean gu math acadaimigeach agus a cuid oileanaich airson a dhol dhan oilthigh, fhad 's a tha cùrsaichean Verzló rud beag nas pragtaigiche. Tha diofar nan clasaichean sòisealta an lùib cuideachd.
==Seann Oileanaich==
*[[Einar Arnórsson]]
*[[Jón Óskar Ásmundsson]]
*[[Bjarni Benediktsson]]
*[[Bjarni Benediktsson (1908)| Bjarni Benediktsson]]
*[[Sveinn Björnsson]]
*[[Rósa Björk Brynjólfsdóttir]]
*[[Sigurður Eggerz]]
*[[Vigdís Finnbogadóttir]]<ref>[https://web.archive.org/web/20200805102902/https://vigdis.is/is/fram-ad-forsetatid-2/nam/ Vigdís]</ref>
*[[Niels Ryberg Finsen]]
*[[Ólafur Ragnar Grímsson]]
*[[Benedikt Sigurðsson Gröndal]]
*[[Magnús Guðmundsson]]
*[[Sigmundur Davíð Gunnlaugsson]]
*[[Geir Hilmar Haarde]]
*[[Hannes Þórður Pétursson Hafstein]]
*[[Geir Hallgrímsson]]
*[[Steingrímur Hermannsson]]
*[[Guðni Thorlacius Jóhannesson]]
*[[Björn Jónsson]]
*[[Guðmundur Emil Jónsson]]
*[[Kristján Jónsson]]
*[[Halldór Laxness]]
*[[Jónína Leósdóttir]]
*[[Jón Magnússon]]
*[[Davíð Oddsson]]
*[[Veturliði Óskarsson]]
*[[Stefán Jóhann Stefánsson]]
*[[Guðmundur Steingrímsson]]
*[[Ólafur Tryggvason Thors]]
*[[Gunnar Thoroddsen]]
*[[Tryggvi Þórhallsson]]
*[[Jón Þorláksson]]
*[[Björn Þórðarson]]
==Àiteachan==
Tha an sgoil air a bhith ag obair ann an ceithir àiteachan air feadh na dùthcha fad mìle bliadhna:
*[[Sgìreachd-easbaig Skálholt|Skálholt]] ([[1056]] – [[1784]])<ref>[https://web.archive.org/web/20191222135423/https://www.skalholt.is/timalinan Skálholt]</ref>
*[[Sgìreachd-easbaig Hólar|Hólar]] (1784 - [[1805]])
*[[Bessastaðir]]: (1805 - [[1846]])
*Lækjargata 7 ann an Reykjavík (1846 – a-nis)<ref>[https://web.archive.org/web/20191222135234/http://www.minjastofnun.is/hus-og-mannvirki/fridlyst-hus-og-mannvirki/reykjavik/nr/386 Minjastofnun Íslands]</ref>
== Ceannardan na Sgoile bho 1846 ==
* 1846–1851: Sveinbjörn Egilsson
* 1851–1869: Bjarni Jónsson
* 1869–1872: Jens Sigurðsson
* 1872–1895: Jón Þorkelsson
* 1895–1904: Björn M. Ólsen
* 1904–1913: Steingrímur Thorsteinsson
* 1913–1928: Geir Zoëga
* 1928–1929: Þorleifur H. Bjarnason
* 1929–1956: Pálmi Hannesson
* 1956–1965: Kristinn Ármannsson
* 1965–1970: Einar Magnússon
* 1970–1995: Guðni Guðmundsson
* 1995–2001: Ragnheiður Torfadóttir
* 2001–2012: Yngvi Pétursson
* 2012–2013: Linda Rós Michaelsdóttir
* 2013–2017: Yngvi Pétursson
* 2017– : Elísabet Siemsen<ref>[https://www.ruv.is/frett/vard-rektor-mr-i-stad-thess-ad-fara-a-eftirlaun RÚV]</ref>
== Iomraidhean ==
<references/>
==Ceanglaichean a-muigh==
*[https://web.archive.org/web/20191222130917/https://mr.is// Menntaskólinn í Reykjavík]
{{DEFAULTSORT:Reykjavík, Menntaskólinn í}}
[[Roinn-seòrsa:Foghlam]]
[[Roinn-seòrsa:Innis Tìle]]
dfhmkf5wns6z25476mlty0y5zfduxan